8.9 Goireasan daonna
Facal-toisich
Is e a bheirear sa chatagaraidh seo fiosrachadh mu ro-innleachd is stiùireadh ghoireasan daonna san stèidheachd, seach fiosrachadh mu bhuill fa leth den luchd-obrach (rud a tha air a shaoradh o fhoillseachadh leis gun e fiosrachadh pearsanta a th’ ann). Am measg an fhiosrachaidh a tha ri fhaotainn tha poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh an luchd-obrach (a’ gabhail a-steach chumhaichean is cùmhnantan seirbheis agus a h-uile tionntadh làthaireach den fhiosrachadh a tha air a shònrachadh anns gach clas). Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
| Ainm a’ Chatagaraidh | Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh | Eisimpleirean/Nòtaichean | Cruth an fhiosrachaidh | Cìs | Fiosrachadh air a chumail air ais |
|---|---|---|---|---|---|
| Profaidhl an luchd-obrach | Fiosrachadh staitisteil air an luchd-obrach | Fiosrachadh aig ìre na stèidheachd a rèir rang, gnè: Dèantar tar-iomradh ri Co-ionannachd is Iol-ghnèitheachd, catagaraidh 12. | Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e | Gun phàigheadh | |
| Poileasaidhean trusaidh | Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach agus iùl a thaobh trusadh | A h-uile poileasaidh is modh-obrach a thaobh an luchd-obrach. | Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. | ||
| Cumhaichean fastaidh | Cumhaichean is cùmhnantan fastaidh coitcheann | Rangan is ìrean tuarastail. Poileasaidhean eile a thaobh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile. | |||
| Rianachd coilionaidh | Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh rianachd coilionaidh | Fiosrachadh mu rèiteachaidhean airson probhadh is measadh | Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e | Gun phàigheadh | |
| Àrdachadh | Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach, iùl is staitistig a thaobh àrdachadh, atharrachadh rang agus ath-sgrùdaidhean tuarastail | Fiosrachadh staitisteil mu thoraidhean | Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. | ||
| Peinnseanan | Poileasaidhean is iùl a thaobh rèiteachaidhean peinnsein do luchd-obrach | Ìrean thabhartasan (na stèidheachd agus an duine fa leth) Sochairean agus ìrean cruinneachaidh nan sochairean. Luachaidhean maoineachaidh air sgeamaichean peinnsein | |||
| Smachd | Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh smachdachadh | Poileasaidh air sàrachadh is burraidheachd. Poileasaidhean eile a thoabh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile, far am faod ceuman smachdachaidh tighinn nan lùib ma thèid am briseadh. | Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e | Gun phàigheadh | |
| Cùisean-gearain | Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh chùisean-gearain | Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. | |||
| Dàimhean ri luchd-obrach | Modhan-obrach airson barganachadh coitcheann is co-chomhairleachadh ri Aonaidhean Ciùird is Buidhnean Dreuchdail aithnichte agus na h-aontachaidhean a ràineas | Na h-aontachaidhean a ràineas fo na modhan-obrach seo | |||
| Foillseachadh a chum leas a’ phobaill | Fiosrachadh a tha a dhìth airson cumail ris an Achd Foillseachaidh a chum Leas a’ Phobaill | Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e | Gun phàigheadh | ||
| Leasachadh luchd-obrach | Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh leasachadh leantainneach luchd-obrach | Rèiteachaidhean inntrigidh. Cothrom air trèanadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh den stèidheachd | Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. | ||
| Clàran luchd-obrach | Poileasaidh na stèidheachd a thaobh fiosrachadh pearsanta mun luchd-obrach a chruinneachadh, a chumail suas is a chur gu feum. | Poileasaidhean is modhan-obrach a bhuineas ri cruinneachadh, dearbhadh cumail suas agus sgriosadh dàta, rianachd an t-siostaim chlàran luchd-obrach e fhèin, agus riarachadh dhleastanasan air luchd-obrach. Rèiteachaidhean airson dàta a sholar do BSFA[1], CMAFAA[2] agus buidhnean eile aig a bheil còirichean reachdail air dàta. | |||
| Goireasan do luchd-obrach | Tuairisgeul air na goireasan is na seirbheisean a tha ri am faotainn do bhuill den luchd-obrach a-mhàin. | Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh air fiosrachadh den aon seòrsa mu ghoireasan is seirbheisean a tha ri am faotainn do dh’oileanaich no don choimhearsnachd ionadail. | Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e | Gun phàigheadh |
[1] BSFA –
[2] CMAFAA – (CMA)