8.13 Taic do dhaoine ciorramach
Facal-toisich
Bheir an catagaraidh seo fiosrachadh mu phoileasaidhean, modhan-obrach is taic na stèidheachd do dhaoine ciorramach, a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu ruigsinneachd nam prìomh thogalaichean is seirbheisean. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
| Ainm a’ Chatagaraidh | Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh | Eisimpleirean/Nòtaichean | Dòigh | Cìs | Fiosrachadh air a chumail air ais |
|---|---|---|---|---|---|
| Poileasaidhean ciorraim | Poileasaidhean, modhan-obrach is iùl a thaobh taic do dhaoine ciorramach | Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh ri catagaraidh 12, “Poileasaidhean Co-ionannachd is Iol-ghnèitheachd” | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Structaran taic | Tuairisgeul air structaran taic na stèidheachd airson chùisean ciorraim | Dèantar tar-iomradh ri “Ruigsinneachd thogalaichean is sheirbheisean” fo chatagaraidh 10, “Stòrasan Fiosaigeach” | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Ruigsinneachd thogalaichean is sheirbheisean | Fiosrachadh mu ruigsinneachd gach aon de phrìomh thogalaichean is seirbheisean na stèidheachd | Bu chòir do stèidheachdan fiosrachadh san fharsaingeachd a sholar mu ruigsinneachd m.e. a’ gabhail a-steach fiosrachadh do dhaoine le ciorraman claisneachd no lèirsinn | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Luchd-conaltraidh | Brath a thaobh mar a gheibhear fiosrachadh mu thaic do dhaoine ciorramach | Far a bheil rèiteachaidhean sgapte aig stèidheachdan mòra bu chòir brath iomchaidh a thoirt mu phuingean conaltraidh cudromach eile. | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Ro-innleachdan | Ro-innleachdan na stèidheachd airson taic do dhaoine ciorramach a leasachadh, agus innleachdan a bhith gan sgrùdadh seo | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | ||
| Staitistig | Geàrr-staitistig mu thaic airson ciorraman taobh a-staigh den stèidheachd. | Staitistig air àireamhan an luchd-obrach is nan oileanach air a bheil seòrsaichean sònraichte de chiorram (ach le bhith a’ cuimhneachadh na buaidhe a dh’fhaodadh a bhith aig an Achd Dìon Dàta). | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh |