8.7 Stiùireadh rannsachaidh

Facal-toisich

Is e a tha fo aire sa chatagaraidh seo fiosrachadh a thaobh mar a stiùireas is mar a mhaoinicheas an stèidheachd an obair rannsachaidh aice; chan eil e a’ gabhail a-steach nan toraidhean no an dàta fhèin a thig às an rannsachadh a nithear. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Barrachd mu stiùireadh rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh Eisimpleirean/Nòtaichean Cruth an fhiosrachaidh Cìs Fiosrachadh air a chumail air ais
Maoineachadh rannsachaidh Fiosrachadh staitisteil mu na tobraichean as cudromaiche às an tig maoineachadh rannsachaidh na stèidheachd Suim a’ Phrìomh Thabhartais Rannsachaidh o Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus thabhartasan eile on Chomhairle Mhaoineachaidh airson rannsachadh a rèir foirmle/gun a bhith a rèir foirmle. Fiosrachadh staitisteil mu mhaoineachadh o Chomhairlean Rannsachaidh, carthannasan rannsachaidh agus buidhnean cudromach eile. Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Càileachd rannsachaidh Toraidhean tomhas a nithear on taobh a-muigh air càileachd rannsachadh na stèidheachd Coilionadh na stèidheachd san Fhrèam Shàr-mhathais Rannsachaidh Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh Chan fhoillsichear fiosrachadh far an toireadh sin droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach fo R.33 den Achd.
Ro-innleachdan rannsachaidh Geàrr-chunntas air planaichean ro-innleachdail airson rannsachadh aig ìre na stèidheachd   Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Structaran stiùireadh rannsachaidh Tuairisgeul air na structaran leis am bi an stèidheachd a’ stiùireadh na h-obrach rannsachaidh aice        
Rèiteachaidhean airson taic do rannsachadh Na modhan-obrach aig an stèidheachd airson taic a thoirt do rannsachadh Rèiteachaidhean a bhith a’ cuideachadh le iarrtasan airson thabhartasan rannsachaidh agus a bhith a’ dèiligeadh riutha Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Beusan rannsachaidh Poileasaidhean is modhan-obrach na stèidheachd a thaobh bheusan rannsachaidh Poileasaidhean is còdan cleachdaidh na stèidheachd a thaobh cleachdadh math ann an rannsachadh, giùlan beusach agus foill rannsachaidh a sheachnadh. Fiosrachadh mun dòigh a bhios an stèidheachd a’ sgrùdadh chasaidean mu mhì-chleachdadh ann an rannsachadh. Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh oileanaich rannsachaidh Poileasaidhean is modhan-obrach na stèidheachd a thaobh oileanaich rannsachaidh a stiùireadh is deuchainn a chur orra Riaghailtean a thaobh stuidearrachd rannsachaidh aig an ìre fhor-cheum. Fiosrachadh a thaobh dè mar as urrainn do dh’oileanaich gearan mu rèiteachaidhean stiùiridh. Faodaidh stuth mu eileamaidean rannsachaidh ann am prògraman for-cheum teagaisgte a bhith air a ghabhail a-steach sa chatagaraidh seo cuideachd. Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh