8.17 Dàimhean ris an taobh a-muigh agus a’ choimhearsnachd
Facal-toisich
Is e fiosrachadh a gheibhear sa chatagaraidh seo mu dhàimh na stèidheachd ris an àrainneachd taobh a-muigh dhi. Tha seo a’ gabhail a-steach mar a bhitheas i a’ stiùireadh an dàimh a th’ aice ris a’ choimhearsnachd ionadail agus mar a chumas i conaltradh riuthasan a bha roimhid nan luchd-obrach is nan oileanaich aice.al
A rèir a nàdair, is coltach gum faic a’ mhòrchuid de stèidheachdan gum bitear cheana a’ toirt a’ chuid as motha de na clasaichean seo ri am faotainn don mhòr-shluagh air dòigh-eigin.
Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith.
| Ainm a’ Chatagaraidh | Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh | Eisimpleirean/Nòtaichean | Cruth an fhiosrachaidh | Cìs | Fiosrachadh air a chumail air ais |
|---|---|---|---|---|---|
| Alumni | Rèiteachaidhean airson conaltradh a chumail riuthasan a bha roimhid nan luchd-obrach is nan oileanaich | Nan eisimpleirean tha seirbheisean a bhitear a’ solar do dh’alumni, ath-chruinneachaidhean is tachartasan | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Dàimhean ris a’ Choimhearsnachd | Tuairisgeul air na goireasan is na seirbheisean a tha ri am faotainn don choimhearsnachd ionadail | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | ||
| Gnìomhachdan leasachaidh | Stuth follaiseachd mu amasan na stèidheachd a thaobh airgead a thogail | Pròiseactan làthaireach, fios a thaobh na dòighean a ghabhas tiodhlacan toirt | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | Faodaidh gum bi cuid de dh’fhiosrachadh air a shaoradh leis gu bheilear am beachd a fhoillseachadh a-rithist fo R.27 den Achd |
| Dàimhean Poblach | Fiosrachadh a chruthaichear a dh’aon ghnothach airson goireasan is gnìomhachdan fhollaiseachadh. | Fiosan naidheachd. Litrichean-naidheachd is irisean | Gun phàigheadh |