8.15 Càileachd teagaisg

Facal-toisich

Sa chatagaraidh seo gheibhear fiosrachadh mu rianachd càileachd teagaisg san stèidheachd a’ gabhail a-steach innleachdan a bhith a’ sgrùdadh is a dèanamh cinnteach de chàileachd an teagaisg a bhios ga sholar.[1] Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Proformaichean acadaimigeach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh Eisimpleirean/Nòtaichean Cruth an fhiosrachaidh Cìs Fiosrachadh air a chumail air ais
Aontachadh phrògraman Rèiteachaidhean airson prògraman aontachadh is a sgrùdadh Mion-chomharrachaidhean phrògraman. Aithris air gnìomhan, dleasnasan is ùghdarras fa leth bhuidhnean eadar-dhealaichte taobh a-staigh den stèidheachd a tha an sàs ann an aontachadh is sgrùdadh phrògraman. Prìomh thoraidhean nam pròiseasan airson aontachadh, agus sgrùdadh is measadh bliadhnail phrògraman. Aithisgean o àm gu àm air ath-sgrùdaidhean mòra le roinnean air prògraman, agus geàrr-chunntasan air ceuman a ghabhadh. Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.   Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear e tro iarrtas.     Gun phàigheadh  
Measadh Modhan-obrach measaidh agus geàrr-chunntasan air ath-sgrùdaidhean air an èifeachdas Ro-innleachdan, pròiseasan is modhan-obrach a thaobh measadh. Tuairisgeul air farsaingeachd is nàdar obair nan oileanach. Aithisgean air ath-sgrùdaidhean a nithear o àm gu àm air freagarrachd nan dòighean measaidh a chleachdar. Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear e tro iarrtas. Gun phàigheadh  
Riarachadh oileanaich Geàrr-chunntas air toraidhean innleachdan sam bith a th’ aig an stèidheachd a bhith a’ tomhas cho riaraichte ’s a tha oileanaich leis na dh’fhiosraich iad ann am foghlam àrd-ìre Beachdan oileanaich air: Rèiteachaidhean airson iùl, taic is stiùireadh acadaimigeach is oideachail. Seirbheisean leabharlainn is taic a thaobh teicneolas fiosrachaidh. Freagarrachd àitichean fuirich, uidheim agus ghoireasan airson teagasg is ionnsachadh. Càileachd teagaisg agus farsaingeachd nan dòighean teagaisg is ionnsachaidh. Rèiteachaidhean measaidh. Càileachd taic aodhaireil. Toraidhean shuirbhidhean, m.e. Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach agus an Suirbhidh de na Dh’fhiosraicheas Oileanaich Iar-cheuma ann an Rannsachadh Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear e tro iarrtas.   Gun phàigheadh  
Ath-sgrùdaidhean in-mheadhanach na stèidheachd Geàrr-chunntas air toraidhean ath-sgrùdaidhean in-mheadhanach na stèidheachd fhèin air càileachd is inbhean Farsaingeachd nan dòighean teagaisg a chleachdar. An cothrom a th’ ann air uidheam speisealaichte agus goireasan is stuthan eile agus am feum a nithear dhiubh airson cuideachadh le teagasg is ionnsachadh. An cothrom a th’ aig luchd-obrach air leasachadh dreuchdail. Prògraman faire is taic-iùil le co-inbhich. Am feum a nithear de phuingean-tomhais is puingean-coimeis eile taobh a-muigh den stèidheachd, san dùthaich seo agus thall thairis an dà chuid. Com-pàirteachadh le co-inbhich on taobh a-muigh san dòigh sgrùdaidh, am beachdan, agus na rinneadh mar thoradh. Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear e tro iarrtas Gun phàigheadh  
Barrantachadh dreuchdail chùrsaichean le buidhnean air an taobh a-muigh Nàdar agus rè barrantachadh le buidhnean dreuchdail, reachdail no riaghlaidh, a’ gabhail a-steach aithisgean barrantachaidh is sgrùdaidh.   Ri fhaotainn tro iarrtas Gun phàigheadh  
Dearbhadh tàbhachd Tuairisgeul air na cùrsaichean far am bi an stèidheachd ag obair mar bhuidheann dheuchainn air an taobh a-muigh no a’ dearbhadh tàbhachd dheuchainnean is theisteanasan chàich, a’ gabhail a-steach ‘co-theisteanasan’. Liosta chùrsaichean, tuairisgeul air na modhan-obrach airson tàbhachd a dhearbhadh, agus fiosrachadh staitisteil air toraidhean oileanaich      
Measaidhean air ullachadh na stèidheachd leis a’ BhDC Aithisgean na BDC[2] Aithisgean fa leth leis a’ BhDC Tha aithisgean ELIR ri am faotainn air làrach-lìn na BDC. Aithisgean sgrùdaidh eile leis a’ BhDC air stèidheachdan ri am faotainn tro iarrtas Gun phàigheadh  

[1] Tha fiosrachadh a dh’fheumas stèidheachdan toirt seachad, le òrdugh na Comhairle Mhaoineachaidh aca no le òrdugh buidheann riaghlaidh, na fhiosrachadh a ghabhar a-steach sa chatagaraidh ‘Dàimhean ri Riaghaltas is Buidhnean-riaghlaidh’ (12.18).

[2] BDC: