ÐÓ°ÉÔ­´´ a’ foillseachadh Plana Gàidhlig ùr

Chruinnich luchd-obrach is oileanaich ann an Inbhir Nis an-diugh (Dimàirt 7 Samhain) gus foillseachadh Plana Gàidhlig ùr Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chomharrachadh. Chaidh an sgrìobhainn, an ceathramh plana Gàidhlig aig ÐÓ°ÉÔ­´´ a chuir am follais aig tachartas a chumadh aig àm lòin ann an ÐÓ°ÉÔ­´´ Inbhir Nis.

see full size image
Oifigear Gàidhlig ÐÓ°ÉÔ­´´, DJ Mac an t-Saoir, agus Iar-phrionnsapal Acadaimigeach is Rannsachaidh, an t-Àrd-Ollamh Niall Simco, leis a’ phlana ùr agus luchd-obrach, oileanaich agus alumni ÐÓ°ÉÔ­´´.

Tha am plana ùr a’ mìneachadh àrd-amas ÐÓ°ÉÔ­´´ don Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh “nas trice, le barrachd dhaoine ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean”. Tha e a’ mìneachadh raon de ghnìomhachdan a bhios nan cuideachadh: 

  • Meudachadh air inbhe, faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig air feadh ÐÓ°ÉÔ­´´.
  • Cothroman a sholarachadh do luchd-obrach agus oileanaich air Gàidhlig ionnsachadh.
  • Conaltradh le coimhearsnachdan luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Tha am plana ag amas air togail air na h-euchdan a chaidh a choileanadh fo phlanaichean ÐÓ°ÉÔ­´´ roimhe. Rè plana 2019 gu 2022, leasaich ÐÓ°ÉÔ­´´ an curraicealam ’s an rannsachadh Gàidhlig, chumadh seiseanan mothachaidh agus cearcallan còmhraidh Gàidhlig. Am measg nan gealltanasan ùra tha stèidheachadh air sgeama comhairleachaidh Gàidhlig, clasaichean còmhraidh air-loidhne do na coimhearsnachdan ionadail agus leasachadh chùrsaichean ùra foghlaim is teagaisg Gàidhlig.

Tha buill den phoball gam fiathachadh gu tuilleadh fhaighinn a-mach mun phlana le bhith a’ frithealadh tachartas poblach air Dimàirt 14 Samhain ann a Cafaidh an Àrd-eaglais, Inbhir Nis eadar 7f-9f.

Mhìnich Vicki Nairn, Prionnsapal is Iar-Sheansalair ÐÓ°ÉÔ­´´, cho cudromach ’s a tha am plana: “Mar an aon aitreabh foghlaim a-mhàin aig an treas ìre le ruigsinneachd farsaing air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt, tha sinn moiteil às ar dleastanas a thaobh inbhe na Gàidhlig àrdachadh.

“Tha am plana ùr againn a’ daingneachadh ar dìchill a thaobh ar n-obair a chumail a’ dol an lùib suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh air feadh ar com-pàirteachais. Co-thaobhaichte leis a’ phlana ro-innleachdail againn, tha e cuideachd a’ togail air ar dealais gu cànan is cultar na Gàidhlig adhartachadh nar coimhearsnachdan tro churraicealam, rannsachadh agus fèin-eòlas oileanaich.

“Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ foillseachadh a’ phlana ùir againn agus ar miann ath-aithris air cuideachadh gu mòr le àite na Gàidhlig taobh a-staigh Alba, mar chànan brìoghmhor, beò agus beòthail.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Seo an ceathramh eagran de Phlana Gàidhlig ÐÓ°ÉÔ­´´ agus tha sinn toilichte fhaicinn gun tog na geallaidhean ann air an obair a tha ÐÓ°ÉÔ­´´ air a dhèanamh thar nan 13 bliadhna a dh’ fhalbh gus Gàidhlig fhighe a-steach nan cuid obrach agus nan teagasg.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Niall Simco, Iar-Phrionnsapal Acadaimig agus Rannsachaidh aig ÐÓ°ÉÔ­´´: “Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de bheatha agus obair ÐÓ°ÉÔ­´´, agus mar sin tha mi air leth toilichte gu bheil sinn a’ foillseachadh ar ceathramh Plana Gàidhlig an-diugh. Leanaidh sinn air adhart a’ ceangal leis an dà chuid coimhearsnachdan traidiseanta Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre. Tha ar plana ùr àrd-amasach a’ cur cuideam air cudromachd ar curraicealaim Gàidhlig, a’ gabhail a-steach ar tabhartais le Foghlam Thidsearan tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha e cuideachd a’ cur cuideam air ar prògram rannsachaidh air cùisean Gàidhlig, a thuilleadh air ar gealltanas a thaobh meudachadh air cleachdadh is ìomhaigh na Gàidhlig nar n-obair làitheil.”

Chaidh Plana Gàidhlig ÐÓ°ÉÔ­´´ ullachadh ann an co-rèir ris na slatan-tomhais reachdail mar a tha mìnichte ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a’ gabhail a-steach co-chomhairleachadh poblach. Chaidh aontachadh leis a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig nàiseanta, Bòrd na Gàidhlig, san Iuchar. Faodar am plana fhaicinn agus a luchdachadh sìos aig . Tha lethbhreacan clò-bhuailte rim faotainn cuideachd le an iarraidh.

Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu thachartas Gàidhlig ÐÓ°ÉÔ­´´ air Dimàirt 14 Samhain, tadhailibh air

Faodar ceistean sam bith mun phlana a stiùireadh gu oifigear Gàidhlig ÐÓ°ÉÔ­´´, DJ Mac an t-Saoir, aig communications@uhi.ac.uk.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean Gàidhlig ÐÓ°ÉÔ­´´, tadhailibh air