Bho Uibhist a Deas gu Astràilia: ÐÓ°ÉÔ´´ ag ainmeachadh alumni na bliadhna
Tha ceumnaiche ciùil à Uibhist a Deas agus ceumnaiche eachdraidh à Astràilia air an ainmeachadh mar bhuannaichean dhuais alumni na bliadhna ÐÓ°ÉÔ´´ airson 2023.
Bidh na duaisean bliadhnail seo ag aithneachadh agus a’ comharrachadh euchdan air leth alumni ÐÓ°ÉÔ´´, gu h-à raidh a thaobh soirbheachas proifeiseanta, com-pà irteachadh sa choimhearsnachd agus dealas airson ÐÓ°ÉÔ´´.
Thogadh Chloe Steele ann an Uibhist a Deas, agus chuir i crìoch air BA (le Urram) ÐÓ°ÉÔ´´ ann an ceòl gnìomhaichte ann an 2020 aig ÐÓ°ÉÔ´´ Innse Gall (no ÐÓ°ÉÔ´´ a Tuath, an Iar agus Innse Gall a-nis). ’S e seinneadair Gà idhlig is pìobaire a th’ innte agus bidh e a’ còrdadh rithe a bhith a’ cur phròiseactan coimhearsnachd air dòigh. 'S e clà r de cheòl is òrain Ghà idhlig a th' anns an iomairt as ùire aice, is prothaid bhuaithe ga toirt seachad do charthannas. O chionn ghoirid chuir i crìoch air PGDE ÐÓ°ÉÔ´´ ann am foghlam bun-sgoile (Gà idhlig) agus tha i air tòiseachadh air a’ bhliadhna probhaidh aice ann an Sgoil Uibhist a Tuath.
Chaidh Chloe ainmeachadh le Anna-Wendy Stevenson, stiùiriche a’ phrògraim airson BA ÐÓ°ÉÔ´´ ann an ceòl gnìomhaichte. Thuirt ise: “Rugadh agus thogadh Chloe ann an Uibhist a Deas, agus is i a’ chiad neach à s na h-Eileanan an Iar a cheumnaich leis an là n-cheum le urram ann an ceòl gnìomhaichte, ag ionnsachadh bhon dachaigh. Tha i dealasach mun choimhearsnachd aice agus tha seo ri fhaicinn gu soilleir sa phròiseact as ùire aice - clà r de dh’òrain is ceòl Gà idhlig air a mhaoineachadh tro urrasachd bho ghnothachas. Chaidh an t-albam a chlà radh aig Ionad Chnoc Soilleir agus tha e a’ taisbeanadh buill den choimhearsnachd. Thèid a chur air bhog san t-Samhain, is prothaid bhuaithe ga toirt seachad do Western Isles Cancer Care mar chuimhneachan air athair nach maireann a caidrich. Tha Chloe na h-eisimpleir air leth den ruigsinneachd, an luach, an deachdadh agus a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith ri am faotainn tro ionnsachadh le ÐÓ°ÉÔ´´.â€
Agus i a’ bruidhinn air an duais aice, thuirt Chloe: “Is e fìor thlachd is onair a th’ ann an obair chruaidh agam agus an dìorras is an dealas a th’ agam airson mo chultair agus mo choimhearsnachd a bhith air an aithneachadh tron duais seo. Tha mi an dòchas gum bi an fheadhainn a leughas mo sgeulachd air am brosnachadh gus ceangal a dhèanamh ris na freumhan cultarach aca fhèin. Chaidh atharrachadh a thoirt air mo bheatha leis na cothroman a fhuair mi tro bhith ag ionnsachadh aig ÐÓ°ÉÔ´´. Tha iad air cothrom a thoirt dhomh meas agus luach a chur air mo chultar aig ìre phearsanta, dhomhainn agus brìoghmhor. Tha seo air mo chuideachadh le bhith a’ dèanamh mo shlighe agus a’ cumadh an neach a th’ annam an-diugh.â€
Rinn an t-Oll Graham Hannaford, seirbheiseach catharra air chluaineas, MLitt ÐÓ°ÉÔ´´ ann an Eachdraidh na Gà idhealtachd agus nan Eilean bhon dachaigh aige ann an Astrà ilia bho 2011 gu 2015. Chaidh e air adhart an dèidh sin gus PhD a choileanadh le Federation University. Is esan Rùnaire Urramach Chomann Sydney airson Eachdraidh na h-Alba agus chaidh a thaghadh mar Chomhaltach de Chomann Àrsairean na h-Alba ann an 2023. Tha e a’ fuireach ann an Canberra còmhla ri a bhean, is tha aon mhac agus dithis bhan-oghaichean aige.
Chaidh Graham ainmeachadh leis an Àrd-Ollamh David Worthington, Ceannard Ionad Eachdraidh ÐÓ°ÉÔ´´. Mhìnich an t-Àrd-Ollamh Worthington: “Bha Graham air aon de na ciad oileanaich air an MLitt againn ann an Eachdraidh na Gà idhealtachd agus nan Eilean nuair a chaidh a chur air bhog ann an 2011. Agus e aig an à m sin beagan a bharrachd is 60 bliadhna a dh’aois, rinn e a chuid ionnsachaidh air fad air-loidhne bhon dachaigh aige ann an Astrà ilia. Chaidh e air adhart gus an ceum a chrìochnachadh ann an 2015, agus e a’ faighinn caochladh chomharran aig ìre à rd-urraim.
“Bho cheumnaich e, is mòr an taic a thug Graham don Ionad Eachdraidh, agus e a’ sgaoileadh bhileagan is a’ sgrìobhadh mu na ceuman againn ann am foillseachaidhean leithid chuairt-litrichean nan comann fine. Tha ceanglaichean là idir aige rinn fhathast agus bha e a’ tadhal oirnn ann an Dòrnach dà uair. Tha sinn ga mholadh airson na duaise seo mar thoradh air an taic fhada seo agus airson ar cuideachadh le ceanglaichean ri beatha choimhearsnachd nan eilthireach Albannach ann an Astrà ilia.â€
Thuirt Graham fhèin: “Mar oileanach a tha air ionnsachadh air-loidhne agus air astar mòr, tha e na thogail-inntinn dhomh gu bheil an duais seo ag aithneachadh ruigsinneachd chruinneil ÐÓ°ÉÔ´´ agus, gu sònraichte, oidhirpean an Ionaid Eachdraidh a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri coimhearsnachd nach eil idir air a cuibhreachadh le crìochan cruinn-eòlasach. Aig ìre phearsanta, tha mi a’ faicinn na duaise mar rud a leigeas fhaicinn nach eil aois a’ cur bacadh sam bith air ionnsachadh agus coileanadh acadaimigeach (tha mi 75) agus tha mi an dòchas gun toir e brosnachadh do dh’oileanaich agus alumni de gach aois cumail orra ag obair a dh’ionnsaigh an amasan fhèin.â€
Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche Leasachaidh agus Com-pà irt Alumni ÐÓ°ÉÔ´´: “Tha sinn air leth toilichte gun deach Chloe agus Graham a thaghadh mar alumni na bliadhna. Is e rud baibheil a th’ ann a bhith a’ faicinn dìorras agus dealas Chloe airson ceòl traidiseanta agus na coimhearsnachd aice. Tha a h-obair air an albam as ùire aice, far a bheil i a’ toirt seachad prothaid do charthannas ionadail, ri a moladh. Thathas a’ cur luach mòr air taic leantainneach Graham don Ionad Eachdraidh agus do dh’obair gus ÐÓ°ÉÔ´´ a cheangal ri coimhearsnachd eilthireach na h-Alba agus tha i airidh air cliù. Tha am panail den bheachd gu bheil iad le chèile nam buannaichean airidh agus gum bi na h-euchdan agus na buaidhean mìorbhaileach aca nam brosnachadh do dh’oileanaich is alumni eile.â€
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh aig ÐÓ°ÉÔ´´, tadhlaibh air