Samhain
Ceum ùr a bheir freagairt air fàs san fheumalachd a thaobh slàinte shùl
Thug an t-oilthigh fios gun tairg e prògram optomatrachd ùr a thoirt freagairt air an iarraidh fhà smhor a th’ ann air seirbheisean cùram shùl an ceann tuath na h-Alba. Bidh an cùrsa seo air a’ chiad cheum optomatrachd ùr a chaidh a stèidheachadh an Albainn o chionn cha mhòr 50 bliadhna.
Chaidh oileanach BA ann an cleachdadh leanabachd, Lucy Hannah, ainmeachadh mar Thosgaire Ã’g Gà idhlig na bliadhna seo an Duaisean Gà idhlig an Daily Record. Tha Lucy a’ riaghladh Fà s Mòr, ionad cùraim-chloinne aig Sabhal Mòr Ostaig ÐÓ°ÉÔ´´, a tha a’ tairgsinn cùram-latha tro mheadhan na Gà idhlig.
Maoin Leasachadh Oileanaich a’ ruigsinn clach-mhìle
Tha maoin leasachadh oileanaich an oilthigh a’ comharrachadh deich bliadhna on a chaidh a stèidheachadh. Agus i air a cur air bhonn an Dà mhair 2009, thug i taic do bharrachd is 400 oileanach gus an dèanadh iad buil de chothroman fèin-leasachaidh co-cheangailte ris a’ chùrsa aca a rachadh a chall, mura b’ e sin, air tà illeabh chuingealachdan airgid.
Stèidhich Colaiste Mhoireibh ÐÓ°ÉÔ´´ prògram leasachaidh dhreuchdail leantainnich ùr do cheannardan gnothachais. Chaidh an cùrsa ‘ceannardas is leasachadh ciallach do ghnothachas an latha an-diugh’ a chruthachadh an com-pà irteachas leis a’ chompanaidh dheochannan-là idir theaghlachail, Gòrdan & MacPhail.