Dùbhlachd
An t-oilthigh a’ soirbheachadh ann an Duaisean Ciùil Thraidiseanta
Bha ceumnaichean o chaochladh phà irtean den oilthigh am measg nam buannaichean is nan seinneadairean am-bliadhna aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta MG Alba. Bidh a’ chuirm bhliadhnail seo a’ cliùiteachadh an tà lainn air leth a tha ann ann an Albainn a thaobh ceòl traidiseanta.
B’ e Claire NicPhà rlain, oileanach charbadan-motair à Dùn Phà rlain aig Colaiste Pheairt ÐÓ°ÉÔ´´, a thug buaidh ann am farpais steall-pheantadh bhonaidean leis a’ ghnìomhachas ann an Glaschu. B’ e Claire an aon bhoireannach a rà inig cuairt dheireannach na farpais.
Fhuair co-oibrichean à rc-eòlais naoi nithean leth-mheatair a dh’à irdead air an snaidheadh à clach ann an Arcaibh. Tha feadhainn de na nithean a tha iongantach cosail ri riochdachaidhean stoidhlichte den chorp dhaonna.
Ceumnaiche à Siorrachd Rois air aithneachadh airson sàr-mhathas ann an innleadaireachd
Chaidh Brian Johnstone à Alanais a thaghadh mar bhuannaiche Dhuais Willie Printie airson Sà r-mhathas ann an Innleadaireachd. B’ ann air tà illeabh an adhartais acadaimigich is dreuchdail a rinn e a chaidh Brian a thaghadh, agus e an dèidh leantainn air o phreantasachd dhealain chun ceum oilthigh, agus a-rithist chun à rd-dhreuchd ann an NHS na Gà idhealtachd.
Tha Colaiste na Gà idhealtachd an Iar ÐÓ°ÉÔ´´ a’ tighinn còmhla ri Com-pà irteachas Tìre Nibheis anns a’ Ghearastan a thairgsinn teisteanas ùr ann an Sgilean Dùthcha le Trèanadh Maoir-dhùthcha.