Lùnastal
Craoladair leis a’ BhBC air a taghadh mar alumnus na bliadhna
Chaidh Anne Lundon, craoladair ann am meadhanan na h-Alba a rinn ionnsachadh aig Colaisde a’ Chaisteil ÐÓ°ÉÔ´´, ainmeachadh mar alumnus na bliadhna leis an oilthigh.
Rannsachadh a’ sgrùdadh buaidh fhalaisgean mòintich
Chaidh rannsachadh ùr a chur air bhonn a sgrùdadh buaidh falaisg air mòinteach ann an Gallaibh is Cataibh. Tha mòintichean ainmeil airson a’ chomais a th’ aca a bhith a’ sughadh dà -ogsaid gualain às an à ile, a bhith ag adhartachadh bith-iomadachd agus a bhith a’ solar uisge de mhathas à rd.
An t-oilthigh a’ ceannach an Ionaid Saidheans Slàinte
Cheannaich an t-oilthigh an t-Ionad Saidheans Slà inte ann an Inbhir Nis o Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean ann am bargan a b’ fhiach £9.83 muillean. Cuiridh an reic seo ri leasachadh leantainneach na Sgoile Slà inte, Cùraim Shòisealta is Shaidheansan Beatha.
Bursaraidh ceumnachaidh a thoirt taic do dh’oileanaich a bh’ ann an cùram
Chuir an t-oilthigh bursaraidh air bhonn a chuideachadh le oileanaich a bh’ ann an cùram a bhith a’ gabhail pà irt ann an cuirmean-ceumnachaidh. Bheir am bursaraidh ùr cuideachadh le costasan leithid fastadh ghùintean, dealbhan a thogail, siubhal agus cuid-oidhche.
Thug Colaisde a’ Chaisteil ÐÓ°ÉÔ´´ urrasachd airson à rd-ùrlar nan inneal-ciùil neo-dhealanach aig Fèis Cheilteach Innse Gall agus chuir i farpais air dòigh do dh’fheadhainn a tha is a bha nan oileanaich ciùil a bhith a’ cluich aig an fhèis.