Urram do luchd-obrach is oileanaich ÐÓ°ÉÔ´´ aig Duaisean HISA 2024
Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (ÐÓ°ÉÔ´´) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus ÐÓ°ÉÔ´´.
Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (ÐÓ°ÉÔ´´) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus ÐÓ°ÉÔ´´.
Tha na duaisean air an stiùireadh le oileanaich, a’ comharrachadh luchd-obrach agus oileanaich a tha air a dhol fada seachad air an dleastanasan nan dreuchd, a’ toirt brosnachadh agus taic do choimhearsnachd ÐÓ°ÉÔ´´. Tha an iomairt seo a’ ceadachadh do dh’oileanaich an taingealachd a nochdadh dhaibhsan a tha air buaidh chudromach a thoirt air an slighe foghlaim.
Fhuaireadh 656 ainmean gu h-iomlan, a’ toirt aithne do dhaoine fa leth mu choinneamh an sàr-mhathais ann an ionnsachadh, ais-fhiosrachadh, taic, agus dreuchdan brosnachail. Is iad na buannaichean:
Sàr-mhathais – Duais Luchd-obrach
- Shaun Escott, stiùiriche cùrsa Obrachaidhean Loingeis is Mara, ÐÓ°ÉÔ´´ a Tuath, an Iar is Innse Gall (àrainn Mhalaig)
Sàr-mhathais – Duais Oileanaich
- Jennifer Mair, ÐÓ°ÉÔ´´ Moireibh
Duais Ais-fhiosrachadh Measaidh as Fheàrr
- An Dr Alice Mongiello, ÐÓ°ÉÔ´´ Inbhir Nis
Duais Taic Ionnsachaidh/Acadaimigeach as Fheàrr
- Julie Jones, ÐÓ°ÉÔ´´ Inbhir Nis
Stiùiriche Rannsachaidh no Tràchdais as Fheàrr
- Iain Robasdan, ÐÓ°ÉÔ´´
Riochdaire Guth Oileanaich as Fheàrr
- Daniel Ferries, ÐÓ°ÉÔ´´ Inbhir Nis
Luchd-obrach Taic as Fheàrr (neo-theagasg)
- Mark Stirling, HTC
Club Spòrsa HISA na Bliadhna
- Club Spòrs Sneachda
Òraidiche Air-loidhne as Tarraingiche
- Pàdruig Moireach, Sabhal Mòr Ostaig
Duais Òraidiche as Brosnachaile
- Ali Hepburn, ÐÓ°ÉÔ´´ Arcaibh
An t-Oileanach as Brosnachaile – Roghainn nan Oileanach
- Jo Greenwood, ÐÓ°ÉÔ´´ Inbhir Nis
Thaisbean an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Eòlas Oileanaich ÐÓ°ÉÔ´´, a mhòr-mheas ag ràdh, “Aon uair eile, tha mi air mo bhrosnachadh agus air mo ghluasad le beachdan nan oileanach, a’ togail air buaidh chruth-atharrachail ar luchd-obrach agus ar n-oileanach mhìorbhaileach. Tha na beachdan sin bhon chridhe nam fianais a bharrachd gur e àite air leth airson ionnsachadh a th’ ann an ÐÓ°ÉÔ´´.”
Thuirt, Shannon NicChaluim, Iar-Cheann-suidhe Foghlaim HISA, “Tha Duaisean HISA a’ taisbeanadh nan oidhirpean do-chreidsinneach a tha gan coileanadh gus eòlas foghlaim a neartachadh agus coimhearsnachdan làidir a thogail tarsainn ÐÓ°ÉÔ´´. Tha dìcheall ar luchd-obrach air a mheas gu mòr le ar n-oileanaich, a’ dèanamh ÐÓ°ÉÔ´´ mar aon de na h-àiteachan as riarachail airson ionnsachadh ann an Alba. Tha sinn air ar togail gu mòr mun ath bhliadhna acadaimigich!”
Bidh oileanaich ÐÓ°ÉÔ´´ uile tarsainn a’ chom-pàirteachais a’ faotainn ballrachd gu fèin-obrachail ann an HISA, a’ dèanamh cinnteach gum bi an guthan air an cluinntinn agus air an comharrachadh. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làraich-lìn aca: