Oileanaich a’ toirt comharran àrda do ÐÓ°ÉÔ´´ san t-suirbhidh nàiseanta
Tha oileanaich aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (ÐÓ°ÉÔ´´) air an eòlas ionnsachaidh a rangachadh àrd ann an suirbhidh air feadh na RA. Fhuair ÐÓ°ÉÔ´´ sgòr de 81% airson riarachas iomlan oileanaich ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2023, ceithir puingean sa cheud nas àirde na cuibheas roinn na h-Alba de 77%.
Tha na toraidhean a’ cur ÐÓ°ÉÔ´´ san t-siathamh à ite ann an Alba airson riarachas oileanaich, os cionn a dhà dheug oilthighean eile ann an Alba.
Air a ruith gach bliadhna le Ipsos MORI, bidh Suirbhidh Nà iseanta nan Oileanach a’ clà radh riarachas fo-cheumnaichean sa bhliadhna mu dheireadh, anns gach pà irt de an cuid eòlais. Is e seo aon de na sgrùdaidhean oileanach as motha san t-saoghal, air a chuir gu gach oileanach sa bhliadhna mu dheireadh san RA. Am-bliadhna fhreagair 339,383 neach aig 528 institiudan.
Fhuair ÐÓ°ÉÔ´´ sgòr nas à irde na an cuibheas Albannach ann an 22 de na 27 ceistean, le toraidhean là idir ann an teagasg, cothroman ionnsachaidh, measadh is ais-fhiosrachadh, taic acadaimigeach, sunnd inntinneil, eagrachadh is stiùireadh agus guth oileanaich.
Fhuair ceithir de chùrsaichean ÐÓ°ÉÔ´´ - BA (Urram) Gnothachas is Stiùireadh, BSc Saidheans Slà inte Beòil, BSc (Urram) Saidhceòlas agus BA (Urram) Eòlas Diadhachd - rangachadh riarachais de 100%.
A’ labhairt mu na toraidhean, thuirt an Dr Iain Moireasdan, deadhan eòlas oileanaich ÐÓ°ÉÔ´´: “A’ tighinn cho luath à s dèidh ar toraidhean air leth a thaobh riarachas oileanaich, tha ar fo-cheumnaichean air aontachadh gur e ÐÓ°ÉÔ´´ aon de na h-à iteachan as fheà rr san dùthaich airson ionnsachadh. Tha sinn moiteil à s gach aon de ar n-oileanaich agus tha a bhith a’ faotainn freagairt cho deimhinneach bhuapa mu an eòlas, na dhuais air a deagh chosnadh le ar luchd-obrach thà lantach a tha cho cuimsichte air na h-oileanaich. Tha na toraidhean à rda leantainneach seo a’ ciallachadh gum feum neach sam bith a tha a’ smaoineachadh air tagradh airson ionnsachadh, beachdachadh air ÐÓ°ÉÔ´´ mar aon de na roghainnean as fheà rr.â€
Thuirt Ceann-suidhe Chomann nan Oileanach, Uilleam Caimbeul: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil oileanaich aig ÐÓ°ÉÔ´´ a’ leantainn air adhart a’ toirt cunntas air eòlas cho math tarsainn uimhir de raointean den eòlas aca. Tha e an-còmhnaidh sgoinneil an obair agus an oidhirp a chuir uimhir de dhaoine a-steach fhaicinn san dòigh seo. Mar Cheann-suidhe air Comann nan Oileanach, tha mi cuideachd air leth toilichte leis an à rdachadh mòr san sgòr a thug oileanaich do Chomann nan Oileanach aca ann an toraidhean na bliadhna seo.â€
Faodar toraidhean Suirbhidh NÃ iseanta nan Oileanach fhaicinn aig:
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean aig ÐÓ°ÉÔ´´, tadhailibh air