Maoin ùr air a stèidheachadh gus oileanaich dhùthchail a chuideachadh
Chaidh maoin ùr a stèidheachadh airson taic a thoirt do dhaoine à coimhearsnachd dhùthchail gus cùrsaichean ÐÓ°ÉÔ´´ fhaighinn. Tha Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby air £105,000 a thoirt seachad airson sgoilearachd agus bursaraidhean a sholarachadh do dhaoine tàlantach air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean thar nan trì bliadhna a tha romhainn.
Thèid an tabhartas a chleachdadh gus sgoilearachdan a thoirt do aon oileanach ùr gach bliadhna, a’ toirt taic-airgid fhad ’s a bhios iad ag ionnsachadh. Bidh cothrom aig oileanaich cuideachd cur a-steach airson bursaraidhean suas ri £1000 gus an cuideachadh le bhith a’ ceannach uidheamachd, a’ frithealadh cho-labhairtean, a’ gabhail pà irt ann an cuairtean là raichean a-muigh no gus cuideachadh le cosgaisean ris nach robh dùil.
A bharrachd air a bhith a’ toirt seachad taic ionmhais, thèid a’ mhaoin a chleachdadh cuideachd gus prògram tosgaire ùr a chruthachadh agus cuideachadh le brosnachadh is cumhachd a thoirt do dhaoine òga ann an coimhearsnachdan dùthchail.
Dh'aontaich Iain MacNèill, sealbhadair agus Ceannard Buidheann Foillseachaidh Witherby, agus na h-urrasairean eile an duais a thoirt seachad. Dh’fhà g Iain Àrd-sgoil Bhà gh a’ Chaisteil ann am Barraigh aig aois 16 bliadhna airson a dhol dhan Chabhlach Mharsanta. Mar chuideigin le doille-fhacail (dyslexia), bha e duilich dha leabhraichean-là imhe trèanaidh a leughadh, ach cha do leig e le seo a chumail air ais. Chòrd cùrsa-beatha soirbheachail ris aig muir mus deach e air adhart gu bhith a’ leasachadh bathar-bog airson maraichean eile a chuideachadh tro na deuchainnean mara aca. Ann an 2008, cheannaich Iain agus a bhean, Kat Heathcote, Witherby Publishing, companaidh foillseachaidh stèidhichte ann an Lunnainn aig a bheil cliù mar a’ chompanaidh foillseachaidh neo-eisimeileach as sine sa Bheurla. An-diugh is e am foillsichear mara neo-eisimeileach as motha san t-saoghal a bharrachd air a bhith mar aon de na companaidhean foillseachaidh as motha ann an Alba.
Fhuair Iain dotaireachd urramach bho ÐÓ°ÉÔ´´ ann an 2022 agus chaidh a bhrosnachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a b’ urrainn Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby taic a thoirt do dhaoine tà lantach à coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail. Mhìnich e: “Bha e na fhìor eòlas dhomh aig cuirm ceumnachaidh Eden Court san t-Sultain 2022, a bhith faicinn na h-uimhir de dhaoine à s a’ Ghà idhealtachd is na h-Eileanan a’ faighinn cuideachadh gus foghlam adhartach is à rd-ìre fhaighinn, ge bith dè an aois a bha iad.
“Gu tric chan eil na co-dhùnaidhean foghlaim agus dreuchd a nì sinn nar deugairean meadhan-gu-deireadh agus trà th-fhicheadan a’ nochdadh ar fìor sgilean no ar comas, agus tha an obair conaltraidh a tha ÐÓ°ÉÔ´´ a’ dèanamh ann an coimhearsnachdan dùthchail ceann a tuath agus taobh an iar na h-Alba, le oileanaich de gach aois, air leth cudromach. B’ e na buannachdan a dh’fhaodadh a bhith comasach nuair a dh’aithnicheas daoine nach eil e ro fhadalach ionnsachadh no ath-sgileadh, rudeigin a bha ar n-urras carthannach gu cinnteach airson a dhol air cùl agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic do ÐÓ°ÉÔ´´ san adhbhar seo.â€
Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche ÐÓ°ÉÔ´´ airson Adhartas agus Com-pà irteachadh Alumni: “Tha e na urram coinneachadh ri daoine mar Iain a tha airson diofar a dhèanamh do bheatha dhaoine òga ann an sgìrean dùthchail le bhith a’ toirt taic do sgoilearachdan agus bursaraidhean ÐÓ°ÉÔ´´. Leis gu bheil an dithis againn air fà s suas air a’ Ghà idhealtachd agus anns na h-Eileanan aig à m nuair a bha aig daoine ris an sgìre fhà gail airson a dhol don oilthigh, tha an tabhartas seo agus am faireachdainn air a chùlaibh, eadhon nas tiamhaidh. Bidh à ite cudromach aig a’ mhaoineachadh fhialaidh bho Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby ann a bhith a’ comasachadh agus a’ brosnachadh dhaoine gu cùrsaichean ÐÓ°ÉÔ´´ à s na coimhearsnachdan aca fhèin.â€
Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu Sgoilearachd Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby, tadhail air