Oileanaich ciùil ÐÓ°ÉÔ­´´ gus na sgilean aca a thaisbeanadh aig Piping Live

Bidh oileanaich chiùil bho ÐÓ°ÉÔ­´´ a’ taisbeanadh nan sgilean aca aig aon de na tachartasan ciùil beò as motha ann an Alba le gnìomhadh air àrd-ùrlar aig Fèis Phìobaireachd Eadar-nàiseanta Ghlaschu air Dimàirt 09 Lùnastal.

see full size image
Ailis Sutherland

Bidh oileanaich is alumni bho chùrsa chiùil ghnìomhaichte ÐÓ°ÉÔ­´´ a’ cluich raon de phuirt thraidiseanta le ceanglaichean pìobaireachd mar phàirt de sheisean beò. Anns an t-seata, bidh port ùr air a sgrìobhadh gu sònraichte leis an fhìdhlear Anna-Wendy Stevenson, Stiùiriche Phrògraman ciùil ghnìomhaichte ÐÓ°ÉÔ­´´, gus an com-pàirteachas leantainneach eadar ÐÓ°ÉÔ­´´ agus an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta a chomharrachadh.

Tha ÐÓ°ÉÔ­´´ air a bhith ag obair leis an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta airson grunn bhliadhnaichean gus cothroman a thoirt do dh’oileanaich ciùil, a’ gabhail a-steach oideachadh sònraichte agus eòlas obrach. Tha grunn luchd-ceumnachaidh bho cheum ciùil ghnìomhaichte ÐÓ°ÉÔ­´´ cuideachd air a dhol air adhart gu bhith ag obair aig an ionad, nam measg Ailis Shutharlanach bho An Ceathramh Mòr a tha na neach-teagaisg pìobaireachd agus Ellie NicLabhrainn bho Bràigh Mhàrr a fhuair dreuchd mar neach- cuideachaidh margaidheachd.

’S e an leasachadh as ùire sa chom-pàirteachas, aonta a leigeas le luchd-ceumnachaidh bho HND ùr an Ionaid Phìobaireachd Nàiseanta a dhol air adhart gu ceum BA (le Urram) ann an ceòl gnìomhaichte aig ÐÓ°ÉÔ­´´ a chrìochnachadh.

Thuirt Anna-Wendy Stevenson: “Tha an dàimh seo aig cridhe leasachaidh agus fàis air ar solar ciùil is cultair, a’ toirt cothrom do na h-oileanaich againn oideachadh eòlach fhaighinn bho chuid de na pìobairean as cliùitiche san t-saoghal.�

Thuirt Fionnlagh Dòmhnallach, Stiùiriche Pìobaireachd aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd: “Tha an t-ionad Pìobaireachd Nàiseanta air leth toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le ÐÓ°ÉÔ­´´ air an leasachadh shònraichte seo ann am foghlam pìobaireachd. Tha an com-pàirteachas co-obrachail seo a’ tabhann slighe ùr airson pìobaireachd ann an dòigh a tha gu math sùbailte agus inntinneach. Tha an t-ionnsachadh air astar agus an dòigh-obrach mheasgaichte air a bheil ÐÓ°ÉÔ­´´ fìor eòlach, a' toirt cothrom do phìobairean air feadh an t-saoghail an cuid pìobaireachd a leasachadh gu ìre ceuma le oideachadh bhon fheadhainn as fhèarr ann am pìobaireachd agus san t-saoghal ciùil thraidiseanta, anns an fharsaingeachd.

’S e comharrachadh fad seachdaine de chultar na pìobaireachd a th’ ann am Piping Live leis gach nì bho phìobaireachd thraidiseanta gu còmhlain cho-aimsireil uile air an cur ri chèile gus saoghal eadar-nàiseanta na pìobaireachd a riochdachadh. Thig an t-seachdain gu crìch le Farpais Chòmhlain Pìoba na Cruinne a chuir Glaschu Beò air dòigh às leth Comann Chòmhlain Pìoba Rìoghail na h-Alba. Bidh an fhèis a’ tàladh luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail airson ceòl is cultar na h-Alba a chomharrachadh.

Bidh an seisean beò aig ÐÓ°ÉÔ­´´ a’ gabhail àite bho 6f Dimàirt 9 Lùnastal ann an Cafaidh na Sràide anns an Ionad Phìobaireachd Nàiseanta, Sràid MhicPhàdraig, Glaschu. Tha tuillidh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo

A dh'iarraidh tuillidh fiosrachaidh mu chùrsaichean ciùil aig ÐÓ°ÉÔ­´´ tadhail air