Suirbhidh air ainmeachadh gu rùintean cruthachail a choileanadh
Tha ionad obair cruthachail Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean airson cluinntinn bho ghnothachasan cruthachail, luchd-obrach agus luchd-proifeasanta ann an Sealltainn, Arcaibh agus Innse Gall mar phàirt de rannsachadh air buaidh eacanomaigeach agus shòisealta air roinn obair cruthachail nan eilean.
Tha an t-suirbhidh fosgailte gu meadhan-oidhche air Diluain 19 Iuchar, don a h-uile a tha an sĂ s anns gach cuibhreann de na h-ealain agus gnĂŹomhachasan cruthachail, bho luchd-ceumnachaidh gu luchd-stèidhichte, agus chan ann a-mhĂ in ag amas air feadhainn a tha anns na h-eileanan an-drĂ sta ach cuideachd feadhainn aâ miannachadh tighinn no tilleadh a dhâobair agus a dhâfhuireach anns na h-eileanan. Tha e deatamach freagairtean fhaighinn gus am bi dealbh soilleir againn air dè na feumalachdan phroifeasanta agus prataigeach a tha dhĂŹth san roinn.
Bidh toradh na suirbhidh a toirt buaidh air leasachadh âPrògram Soirbheas Eileanan Cruthachailâ ann an CĂšmhnant FĂ s nan Eilean, a tha ag amas air lĂŹonraidhean Ăšr de dhâionadan gnĂŹomhan cruthachail agus Ăšr-ghnĂ thas soirbheis, le taic bho in-thasgadh de cÂŁ6m bho Riaghaltasan na h-Alba agus an RĂŹoghachd Aonaichte.
Thuirt an t-Ollamh Keith Mac an t-Saoir, stiĂširiche eadar-amail aig ionad an oilthigh a ghabh uallach na suirbhidh as leth com-pĂ irtichean ChĂšmhnant nan Eilean:
"Tha ar n-eileanan nan stòras mac-meanmnail do luchd-ealain, luchd-dealbhaidh, luchd-filmichean agus gnothachasan cruthachail ag obair ann an iomadh roinn. Tha e air leth cudromach a thaobh leasachadh aâ phrògraim gu bheil sinn a cur fòcas air sònrachadh agus tuigsinn na cothroman ionadail agus prĂŹomhachasan nan coimhearsnachdan.
âTha sinn airson bun-stèidh a chur air bhonn a ghlèidheas ar luchd-smaoin tĂ lantach, luchd-dèanamh dè gach seòrsa, agus cuideachd a tĂ ladh tĂ lant tionnsgainneach agus gnothachasan Ă s Ăšr do dhâeaconamaidh ar n-eileanan.
âMar sin, ma tha sibh an sĂ s ann dealbhadh fasan, grafaigean no bathar no ag obair a thaobh telebhisean, filmichean, beò-dhealbhadh, dealbhadh gheamachan no neach-ealain ag obair ann an Sealltainn, Arcaibh agus Innse Gall, bhiodh e sònraichte feumail nan gabhadh sibh pĂ irt san t-suirbhidh. Bidh seo na chuideachadh dhuinn data riatanach a chruinneachadh gu dearbhadh mar a thèid stòras a chleachdadh san Ă m ri teachd gus an tig fĂ s seasmhach air ar eaconamaidh cruthachail.â
Thuirt an Comh. Rodaidh MacAoidh, Ă s leth com-pĂ irtichean Ăšghdarrasan ionadail ann an CĂšmhnant FĂ s nan Eilean:
âTha na tagraidhean airson in-thasgadh ann an roinn nan gnĂŹomhachasan cruthachail tron ChĂšmhnant FĂ s mar tha ag aithneachadh an cliĂš lĂ idir aig Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall mar sĂ r ionadan cruthachail, le brosnachadh bhon Ă rainneachd agus cultar saidhbhir nan eilean, còmhla ri na fĂŹor chothroman a thâagainn airson an tuilleadh leudachaidh. Bidh freagairtean na suirbhidh deatamach ann a bhith a sònrachadh miannan fĂ is luchd-obrach san roinn chruthachail agus an taic a tha dhĂŹth gus na h-Ă rd amasan sin a choileanadh.â.
DĂšnadh aig meadhan-oidhche air 19 Iuchar 2021.