Sreath sheiminearan an-asgaidh gus sgrùdadh a dhèanamh air mar as urrainn do phrìomh roinnean taic a thoirt do shlànachadh às deidh COVID
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air fiosrachadh fhoillseachadh mu shreath seiminearan poblach an-asgaidh.
Bidh na tachartasan air-loidhne, a tha mar phà irt de chomharrachadh co-latha-breith deich bliadhna com-pà irteachas an oilthighe, a’ sgrùdadh mar as urrainn do phrìomh roinnean cur ri slà nachadh na sgìre às deidh COVID.
Air ainmeachadh an dèidh an fhacail Ghà idhlig airson ‘leading’, bidh an t-sreath ‘A’ Stiùireadh’ a’ nochdadh raon de luchd-labhairt agus a’ dèiligeadh ri cuspairean a’ gabhail a-steach foghlam, slà inte agus eaconamaidh na mara.
Tòisichidh an t-sreath air Diciadain 31 Mà rt le sùil air ais air leasachadh com-pà irteachas an oilthighe agus a’ bhuaidh a tha air a bhith aige air a’ Ghà idhealtachd agus na h-Eileanan, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.
Am measg an luchd-labhairt anns an deasbad ‘coimhearsnachdan agus eaconamaidh’ bidh Prionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd Ollamh Todd Walker, agus an seann Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair, an t-Àrd-Ollamh Seumas Friseal. Charlotte Wright, Ceannard Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean, Florence Jansen Ceann-suidhe Comann Oileanaich na Gà idhealtachd agus nan Eilean agus James Ellsmoor eòlaiche seasmhachd eileanan cuideachd a’ tighinn air a’ phannal.
Bidh am prògram sheiminearan a’ ruith chun an t-samhraidh:
• A’ stiùireadh choimhearsnachdan agus eaconamaidh - 12f gu 1.15f Diciadain 31 Mà rt
• A’ stiùireadh an eaconamaidh ghorm - 4f gu 5.15f air Diardaoin 15 Giblean
• A’ stiùireadh slà inte dhùthchail - 4f gu 5.15f air Diardaoin 22 Giblean
• A’ stiùireadh ionnsachadh - 4f gu 5.15f air Diardaoin 13 Cèitean
• A’ stiùireadh rannsachadh agus ùr-ghnà thachadh slà inte - 4f gu 5.15f air Diardaoin 10 Ògmhios
Tha Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean a’ toirt taic don t-sreath agus bidh grunn luchd-obrach a’ tighinn air na pannalan. Thuirt an Ceannard, Charlotte Wright: “Ann a bhith a’ faighinn ath-bheothachadh eaconamach soirbheachail, tha à ite deatamach aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean ann a bhith a’ freagairt chothroman eaconamach ùra, a’ toirt seachad tairgse foghlaim is rannsachaidh ceangailte ri diofar ghnìomhachasan agus a’ neartachadh luchd-obrach agus coimhearsnachdan na sgìre. Tha ar com-pà irteachas ro-innleachdail le lìonra Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean air fàs nas là idire gach bliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair còmhla riutha gus na webinars seo a dhèanamh soirbheachail do ghnìomhachasan na sgìre againn.
A’ bruidhinn mun t-sreath, thuirt Prionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr an oilthighe, an t-Àrd Ollamh Todd Walker: “Chaidh com-pà irteachas Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean a chruthachadh gus buaidh cruth-atharrachail a thoirt air na tha san amharc don sgìre againn. Tha sinn ag amas air tà lant a thà ladh agus à rach san sgìre againn, a’ cuideachadh le bhith a’ cur stad air crìonadh sluaigh agus a’ togail ùr-ghnà thachadh agus beairteas sòiseo-eaconamach.
“Còmhla ri co-obraichean ann am buidhnean poblach, prìobhaideach agus treas roinn, tha pà irt dheatamach againn ann a bhith a’ toirt taic do shlà nachadh na sgìre againn bho ghalair sgaoilte COVID-19. Tha an t-sreath cho-labhairtean don deicheamh co-latha-breith againn a’ toirt cothrom inntinneach dhuinn sgrùdadh a dhèanamh air mar as urrainn do na prìomh roinnean againn a bhith ag obair còmhla gus taic a thoirt do na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.â€
Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na tachartasan agus gus clà radh airson nan tachartasan, tadhailibh air