Ceannard eòlach agus èifeachdach den roinn phoblaich air a cur an dreuchd mar iar-phrionnsapal ùr
Chaidh Vicki Nairn ainmeachadh mar iar-phrionnsapal obrachaidhean aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus bidh i a’ stiùireadh dealbhadh, leasachadh agus lìbhrigeadh air seirbheisean proifeasanta an oilthighe, a bheir taic do gach cuid raointean acadaimigeach agus corporra, agus riaghladh phrògraman atharrachaidh ro-innleachdail.
Bidh Vicki Nairn a’ tighinn bho Oilthigh Robert Gordon far a bheil i an-drà sta na h-Iar-phrionnsapal obraichean corporra a’ stiùireadh leasachadh, lìbhrigeadh agus buileachadh ro-innleachdan corporra, ionmhasail, malairteach agus ghoireasan.
Bha an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair, air leth toilichte an dà rna iar-phrionnsapal seo a chur an dreuchd don à rd sgioba gnìomha aige: “Tha e na urram, mar iar-sheansalair, fà ilte a chuir air dà rna iar-phrionnsapal ùr don à rd-sgioba againn rè cùrsa dìreach aon seachdain.
“Tha eòlas mòr aig Vicki Nairn san dreuchd ùr seo. Tha eòlas math aice air a’ chom-pà irteachas agus an raon obrachaidh againn, an dèidh a bhith na ball neo-eisimeileach de chùirt an oilthighe agus an dèidh 11 bliadhna a chaitheamh mar bhall den sgioba ceannardas aig Comhairle na Gà idhealtachd. Chaidh Vicki fhastadh cuideachd le Riaghaltas na h-Alba gu bòrd Foghlam SNS na h-Alba, a bhios a’ dealbhadh agus a’ lìbhrigeadh foghlam agus trèanadh don NHS againn. Tha i na stiùiriche eòlach air an roinn phoblaich, a’ lìbhrigeadh bhuilean ùr-ghnà thach agus soirbheachail ann am buidhnean mòra iom-fhillte.
“Bidh i ag obair leis a’ chòrr den à rd-sgioba againn gus ar feallsanachd ‘daring to be different’ a stiùireadh, ar lùth a chleachdadh agus à rd-amasan ùra a stèidheachadh gus luachan de sheirbheis phoblach, treibhdhireas agus dealas a thoirt gu cumhachd chruth-atharrachail foghlaim.
Tha Vicki Nairn a’ fuireach anns an Eilean Dubh agus a’ coimhead air adhart ri tòiseachadh sa bhliadhna ùr: “Tha e na urram dhomh gun deach mo thaghadh airson a dhol dhan oilthigh agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le co-obraichean air feadh com-pà irteachas an oilthighe gus am plana ro-innleachdail ùr ‘Daring to be different’ a lìbhrigeadh.
“Tha mi air a bhith a’ fuireach agus ag obair air feadh ceann a tuath na h-Alba airson grunn bhliadhnaichean. Mar sin, tha mi air leth toilichte an cothrom fhaighinn a bhith ag obair le co-obraichean, com-pà irtichean, luchd-ùidhe, gnìomhachas agus coimhearsnachdan ùra gus feum a dhèanamh de na comasan iongantach agus cruth-atharrachail a tha againn san sgìre againn.
Tòisichidh Vicki Nairn san dreuchd aice sa Ghearran 2022.