Neach-tionnsgain sòisealta, sgrìobhadair agus curaidh atharrachadh gnàth-shìde, air aithneachadh le tiotal oilthighe
Chaidh James Ellsmoor (27) aon de na prìomh ghuthan san t-saoghal a thaobh seasmhachd eileanan agus lùth ath-nuadhachail, ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Is ann Ă Shropshire a tha e bho thĂšs, cheumnaich e ann an 2018 le MLitt ann an eòlas eileanach bho InstitiĂšd Rannsachaidh a Tuath an oilthighe aig , an dèidh dha an cĂšrsa a chrĂŹochnachadh mar oileanach ionnsachaidh air astar. Bithear aâ toirt seachad na duaise seo do dhâoileanach a bh âann roimhe mar chomharrachadh air na seirbheisean aca don choimhearsnachd, euchdan anns na h-ealain no saidheansan, gnĂŹomhachas no ann am beatha phoblach no acadaimigeach.
Fhad âs bha e ag ionnsachadh airson a cheum fo-chem, cho stèidhich Seumas Ceannard Speurail StĂ ite, buidheann neo-phrothaideach a bhios ag obair le coimhearsnachdan eileanan beaga lĂšth na grèine a bhrosnachadh.
Tha e cuideachd na stèidhiche air Ăr-ghnĂ thachaidh Eileanan, iomairt shòisealta a tha aâ ruith âĂrd-Choinneamh Bhiortail Eileananâ. Bidh an tachartas bliadhnail stèidhichte seo aâ tĂ ladh ceannardan riaghaltasan eileanach, acadaimigich agus gnĂŹomhachais bho air feadh an t-saoghail gus aonachadh san iomairt aca airson seasmhachd agus beairteas do choimhearsnachdan eileanach le bhith aâ roinneadh bheachdan, deagh chleachdaidhean agus fhuasglaidhean. Tha dĂšil gum bi an tachartas am-bliadhna a âtĂ ladh 10,000 neach-Ăšidh eileanach bho air feadh an t-saoghail agus am measg an luchd-labhairt tha Paul Wheelhouse, Ministear Cumhachd, Ceangal agus na h-Eileanan ann an Alba agus Aonghas MacNèill BP airson Na h-Eileanan an Iar.
Aâ bruidhinn mun duais aige smaoinich Seumas:
âBha an t-eòlas agam aig Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean bunaiteach ann a bhith aâ cumadh mo ghnĂŹomhachais agus mo shlighe agus tha mi air leth toilichte agus urramaichte a bhith aâ faighinn na duaise seo.
âThòisich an oilthigh air obair agus sgrĂšdadh iomallach mus tĂ inig e gu bhith e riatanach am-bliadhna, agus tha mi toilichte fhaicinn gu bheil seo air an t-oilthigh a chur ann an suidheachadh nas fheĂ rr na aâ mhòr-chuid airson atharrachadh.
âMholainn gu mòr e airson na h-Ă rainneachd obrach dhaineamach agus bheòthail a tha aâ cruthachadh cheanglaichean air feadh na sgĂŹre. Tha e na urram a bhith aâ dèanamh charaidean agus cho-obraichean tro chom-pĂ irteachas an oilthighe a-nis air feadh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean, a bha air a chomasachadh le cleachdadh Ăšr-ghnĂ thach an oilthighe air teicneòlas airson coimhearsnachd a thogail.â
Thuirt an t-Ărd-ollamh Crichton Lang, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair (eadar-amail): âTha sinn moiteil Ă s an aithne eadar-nĂ iseanta a fhuair Seumas mar-thĂ airson a ruigsinneachd chruinneil air atharrachadh gnĂ th-shĂŹde agus aâ bhuaidh a thug e air dèanamh cinnteach gu bheil cothroman airson lĂšth ath-nuadhachail air eileanan, gu sònraichte stĂ itean beaga eileanan air feadh an t-saoghail, seasmhach agus aâ toirt beairteas dha na coimhearsnachdan sin.
âTha an obair aige mar eisimpleir air rĂšn an oilthighe a tha aâ cur oileanaich aig cridhe ar planaichean gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt air na tha san amharc don sgĂŹre againn agus na h-eaconamaidhean, na daoine agus na coimhearsnachdan aice. Tha e na thosgaire iongantach airson com-pĂ irteachas an oilthighe agus tha mi cinnteach gun lean e air aâ coileanadh pĂ irt luachmhor ann a bhith aâ toirt atharrachadh adhartach do gach eilean air feadh an t-saoghail.â
Thuirt Alison NicUilleim, an Ceannard Leasachaidh aig Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean: âBha sinn air leth toilichte Seumas a thaghadh mar bhuannaiche na bliadhna seo. Tha e mĂŹorbhaileach a bhith ga chluinntinn aâtoirt creideas mòr dha Ăšine agus eòlas air ionnsachadh iomallach fhad âs s a bha ag ionnsachadh còmhla rinn aig an oilthigh, airson a bhith aâpiobrachadh aâ bheachd airson Ăšr-ghnĂ thachadh eileanach.
âTha Seumas na thosgaire brosnachail a tha aâ sealltainn do na h-oileanaich a thâagainn an-drĂ sta agus san Ă m ri teachd gu bheil e comasach do thuras ionnsachaidh sònraichte fhèin a lorg còmhla rinn, ge bith cĂ ite a bheil thu ag ionnsachadh.â
Thuirt an Dr Anndra Jennings, òraidiche agus stiÚiriche prògram airson sgrÚdadh eilean MLitt:
âChoisinn Seumas tiotal oileanach iar-cheumnach na bliadhna ann an 2018, air an robh e airidh. Tha e na ghaisgeach air leth airson sgrĂšdadh eileanach. Tha e comasach agus innleachdach, aâcleachdadh a chuid eòlais gus coimhearsnachdan eileanach air feadh an t-saoghail a chuideachadh gus aghaidh a chur air dĂšbhlain eileanach.â
Tha Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean air ath dhearbhadh a dhèanamh air an dealas a thaobh coimhearsnachdan eileanach, le foillseachadh air aâchiad ro-innleachd eileanan aca a-riamh. Tha an sgrĂŹobhainn a chaidh fhoilseachadh air 11 LĂšnastal Ă mĂŹneachadh phlanaichean an oilthighe gus a ghnĂŹomhachd a leasachadh air feadh Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an lar.