Bidh a’ chiad oileanaich a’ ceumnachadh bho chùrsa ùr-ghnàthach banas-glùine
Tha sia deug banaltraman air a’ chiad bhuidheann a cheumnaich bho phrògram pìleat ùr-ghnàthach banas-glùine.
Chaidh prògram giorraichte banas-glĂšine Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean a chur air bhog san Fhaoilleach 2019 gus cuideachadh le bhith aâ coinneachadh ri feumalachdan choimhearsnachdan air feadh ceann a tuath na h-Alba. Chaidh an dioplòma for-cheum, a chaidh a leasachadh ann an com-pĂ irteachas le NHS na GĂ idhealtachd, NHS Eileanan an Iar, NHS Arcaibh agus NHS Shealtainn, a dhealbhadh gus leigeil le banaltraman clĂ raichte a bhith nam mnathan-glĂšine lĂ n-teisteanais ann an 20 mĂŹos. ChrĂŹochnaich a âchiad bhuidheann de dhâ oileanaich an cuid ionnsachaidh aig deireadh an LĂšnastail agus cuiridh a âbhuidheann mu dheireadh crĂŹoch air aâ chĂšrsa an ath shamhradh
Dhâ ionnsaich na h-oileanaich tro mheasgachadh de chlasaichean aghaidh ri aghaidh aig an Ionad Saidheans SlĂ inte ann an Inbhir Nis, sgrĂšdadh air-loidhne tro Ă rainneachd ionnsachaidh bhrĂŹgheil an oilthighe agus greisean gnĂŹomhachais le NHS na GĂ idhealtachd, NHS Eileanan an Iar, NHS Arcaibh agus NHS aâ Mhonaidh Liath, NHS SgĂŹre Ghlaschu is Chluaidh, NHS Lodainn agus NHS FĂŹobha, ann an sgĂŹrean bailteil, iomallach agus eileanan dĂšthchail.
Chuidich iad cuideachd rè aâ ghalair lèir-sgaoilte coròna-bhĂŹorais le bhith aâ tòiseachadh air na h-Ă iteachan deireannach aca trĂ th gus taic a thoirt do luchd-obrach an NHS.
ChrĂŹochnaich roinn altraim is banas-glĂšine an oilthighe le bhi aâ comharrachadh latha mu dheireadh aca le tachartas brĂŹgheil sònraichte air Dihaoine 28 LĂšnastal. Bha an tachartas aâ gabhail a-steach teachdaireachdan taic bhon Ollamh Annetta Nic aâ Ghobhainn, Ceannard na roinne altraim is banas-glĂšine, ceannardan banas-glĂšine agus stiĂširichean banaltram NHS na GĂ idhealtachd, Eileanan an Iar agus NHS Arcaibh, agus òrain soraidh-slĂ n le Joanne Mhoireach-StiĂšbhart, seinneadair GĂ idhlig agus bean-ghlĂšine a choisinn duaisean, a sheinn cuideachd air aâ chiad latha den chĂšrsa san Fhaoilleach 2019.
Tha Caitlin Mhoireach (28) Ă s na PĂšballan, mar aon de na h-oileanaich a chrĂŹochnaich an cĂšrsa. Thuirt i:
âTha an 20 mĂŹos a dhâfhalbh air a bhith na thuras rolair-còrsair a chunnaic mi ann an còig bĂšird slĂ inte eadar-dhealaichte airson greis- gnĂŹomhachais. Tha mi aâ creidsinn gun toir an in-shealladh seo air cĂšram banas-glĂšine ann an diofar sgĂŹrean ann an Alba, buannachd mhòr dhomh fhĂŹn agus do mo cho-oileanaich aâ gluasad a-steach don chĂšrsa-beatha againn oir tha sinn air ionnsachadh gabhail ri diofar dhòighean obrach agus togail air sgilean luachmhor. Chunnaic an greis-gnĂŹomhachais mu dheireadh mi air ais anns an Ă ite coimhearsnachd agam san Eilean Sgitheanach a tha air a bhith iongantach. Tha mi air leth taingeil don oilthigh airson Ă ite a thoirt dhomh air aâ chĂšrsa oir chuidich thu mi le bhith aâ coileanadh mo bhruadar a bhith airidh air a bhith nam bhean-ghlĂšine. Bidh mi aâ tòiseachadh ann an dreuchd banas-glĂšine lĂ n-Ăšine anns an sgioba coimhearsnachd sa Ghearasdan.â
Thuirt MĂ iri Burnside, Leas-stiĂširiche Banas-glĂšine ann an NHS na GĂ idhealtachd:
âTha sinn air leth toilichte mnathan-glĂšine a tha air teisteanas fhaighinn fhaicinn aâ ceumnachadh sa GhĂ idhealtachd bhon phrògram 20-mĂŹos agus tha sinn aâ coimhead air adhart ri bhith aâ cur fĂ ilte orra gu sgioba sheirbheisean mĂ thaireil NHS na GĂ idhealtachd. â
Thuirt Wendy Jessiman, PrĂŹomh Bhean-glĂšine Foghlaim an oilthighe:
âMar an t-aon phrògram giorraichte ann an Alba, tha sinn air leth toilichte gum bi a h-uile oileanach a chuireas crĂŹoch air aâ phrògram air am fastadh ann an NHS na GĂ idhealtachd, NHS Eileanan an Iar agus NHS Arcaibh. Tha am measgachadh de ghreisean gnĂŹomhachais agus taic bho na BĂšird agus mnathan-glĂšine air feadh na h-Alba air oileanaich ullachadh airson cĂšram banas-glĂšine sĂ r-mhath a thoirt seachad ann an co-theacsaichean iomallach, dĂšthchail, bailteil agus eileanach. Tha sinn aâ guidhe gach soirbheachas dhaibh nan dreuchdan banas-glĂšine.â