Dreuchd ùr a’ cuideachadh le freagairt air feumalachdan roinneil
Tha Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean air an Dr Gary Caimbeul fhastadh gu dreuchd an iar-phrionnsapal (leasachaidhean ro-innleachdail). Tha an dreuchd ùr seo ag amas air an oilthigh a dhèanamh nas cunntachail do fheumalachdan nan gnothachasan agus nan coimhearsnachdan san roinn. Cuidichidh an Dr Caimbeul le foghlam is trèanadh a leasachadh anns na h-à iteachan far a bheil feum air, a thuilleadh air comas rannsachaidh agus iomlaid eòlais an oilthighe a stiùireadh anns na raointean air a bheil feum aig gnìomhachasan.
Stèidhichte ann an Colaiste Mhoireibh ÐÓ°ÉÔ´´ ann an Eilginn, bha an Dr Caimbeul roimhe seo ann an dreuchd Deadhan Saidheans, Slà inte agus Innleadaireachd. Anns an dreuchd ùr, bidh e ag obair còmhla ri co-obraichean mu thimcheall com-pà irteachas an oilthighe gus leasachaidhean acadaimigeach ro-innleachdail a stiùireadh, a’ gabhail a-steach iadsan a tha co-cheangailte ri coimpiutaireachd, adhar-speur agus innleadaireachd.
Thòisich an Dr Caimbeul a bheatha-obrach mar neach-saidheans à rainneachdail a’ sònrachadh ann am modaladh air atharrachadh gnà th-shìde. Bha dreuchdan aige mar òraidiche is neach-rannsachaidh ann an Colaiste Newton Rigg ann an Cumbria agus Oilthigh Obar Dheathain mus tà inig e gu Oilhtigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean ann an 1999 mar òraidiche ann an Colaiste Inbhir Nis ÐÓ°ÉÔ´´. A’ leantainn air Comhaltachd rannsachaidh ann an Obar Dheathain, thill e gu teagasg ann an Colaiste Mhoireibh ÐÓ°ÉÔ´´ mus deach e an dreuchd mar Dheadhan Dà imh ann an 2010.
Chuir an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, fà ilte air an Dr Caimbeul gu a dhreuchd ùr, ag rà dh: “Chaidh an t-oilthigh a chruthachadh gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt air na bha san amharc don Ghà idhealtachd agus na h-Eileanan, mar sin tha e deatamach gu bheil an curraicealam agus an rannsachadh againn a’ coinneachadh feumalachdan ar sgìre. Tha mi a’ creidsinn gun cuidich an dreuchd ùr seo le seo a choileanadh nas fheà rr ann a bhith a’ thoirt dhuinn tar-shealladh air an dealbh mhòr agus a’ toirt còmhla curraicealam is rannsachadh ùr agus sean, a bhios freagarrach don 21mh linn. Tha mi air leth toilichte gu bheil Gary air gabhail ris an dreuchd seo agus tha mi cinnteach gun lean e air adhart a’ cur gu luachmhor ri rùn an oilthighe.â€
Thuirt an Dr Caimbeul: “Tha mi air leth pròiseil à s an oilthigh againn agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri co-obraichean tarsainn a’ chom-pà irteachais gus cothroman adhartachadh gu mathas na roinne.â€