Cuireadh don phoball beachd a thoirt air Plana Gàidhlig an oilthighe

see full size image
Oileanaich GhĂ idhlig aig Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean

Tha Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean a’ foillseachadh co-chomhairle phoblach air a’ Phlana GhĂ idhlig Ăšr aca a tha san amharc.  
 
Tha an sgrìobhainn a’ mìneachadh mar a tha an t-oilthigh an dùil leantainn air adhart ag adhartachadh agus a’ leasachadh cleachdadh air a’ Ghàidhlig tro a mhodhan-obrach, a chonaltraidhean agus tron churraicealam bho 2018 gu 2022.

Am measg nam molaidhean, tha neartachadh air Gàidhlig sa churraicealam, toradh barrachd stòrasan dà-chànanach do dh’oileanaich, solarachadh chothroman trèanaidh do luchd-obrach agus meudachadh na h-uimhir de Ghàidhlig ann an stuthan margaideachd agus conaltraidh.
 
Is e an sgrĂŹobhainn seo an trĂŹtheamh Plana GĂ idhlig aig an oilthigh.  B’ e an t-oilthigh a’ chiad aitreabh foghlaim Ă rd-ĂŹre ann an Alba a thug Plana GĂ idhlig gu buil, ann an 2010. Tha cuireadh aig buill den phoball am plana Ăšr a leughadh agus am beachdan air a cho-roinn rè nan ochd seachdainean den cho-chomhairle.  
 
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthighe, “Tha Gàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas na h-Alba, den dearbh-aithne nàiseanta agus den bheatha chultaraich. Mar an t-aon oilthigh stèidhichte anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, tha sinn gu làidir mothachail do ar dleastanasan gu inbhe na Gàidhlig a neartachadh agus a cleachdadh adhartachadh tro na cothroman ionnsachaidh a tha sinn a’ solarachadh.
 
“Tha mi moiteil às ar coileanaidhean gu ruige seo, le meudachadh air faicsinneachd agus osgarrachd na Gàidhlig nar seirbheisean do na h-oileanaich, don luchd-obrach agus don phoball, fhad ’s a tha sinn a’ cruthachadh chothroman airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus ionnsachadh cànain a bhith nas fhasa fhaotainn air bunait nas fharsainge.
 
“Tha sinn an dòchas gun tog am plana ùr againn air na h-euchdan sin, a’ taisbeanadh dealas leantainneach an oilthighe ann an leasachadh agus neartachadh na Gàidhlig.
 
“Tha co-chomhairleachadh na phàirt chudromach den phròiseas, agus mar sin mholainn do neach sam bith le ùidh sa phlana am beachdan a roinn.”
 
Bidh a’ cho-chomhairle air treasaibh Plana Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2018 gu 2022 a’ ruith bho 25 Ògmhios gu 20 Lùnastal.