Co-labhairt air eachdraidh oirthireil ann an Dòrnach
Is ann air eachdraidh sgÏrean oirthireil a bhios fòcas co-labhairt eadar-nà iseanta ann an Dòrnach air an ath-mhÏos.
Frithealaidh luchd-labhairt fiosrach Ă s gach ceĂ rn âLinntean is Fiòrdan: Co-labhairt Eachdraidh Oirthireilâ, a chaidh a chur air dòigh leis an Ionad Eachdraidh aig Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean. Thig còrr is 70 com-pĂ irtiche is preseantair Ă s an RA, Fionnlainn, Canada agus Ameireaga chun an tachartais a mhaireas trĂŹ lĂ ithean.
Cho math ri farsaingeachd de theamaichean eadar-nĂ iseanta, sgrĂšdaidh aâ cho-labhairt cuspairean ionadail leithid ainmean-Ă ite Lochlannach ann an Ă iteachan far a bheilear aâ bruidhinn na GĂ idhlig, an gnĂŹomhachas salainn ann am BrĂšra, cruthachadh sheirbheisean adhair anns na h-Eileanan a Tuath is na h-Eileanan an Iar agus creideamh ann am bana-bhuidsichean ann an coimhearsnachdan oirthireil na h-Alba.
Bidh cothrom aig com-pà irtichean pà irt a ghabhail ann an gnÏomhachdan sòisealta agus sgrÏoban a-mach cuideachd le cothrom uisge-beatha fheuchainn aig Club Goilf Dòrnach RÏoghail, cèilidh, ceòl agus turas de là raichean Cruithneach air Rubha na Manachainn Rois.
Faodaidh am mòr-shluagh barrachd fhaighinn a-mach mu eachdraidh oirthireil cuideachd. Bidh taisbeanadh le buidhnean agus pròiseactan eachdraidh ionadail aig Club Sòisealta Dhòrnaich, far an tèid aâ mhòr-chuid den cho-labhairt a chumail, feadh an tachartais.
Aâ bruidhinn mun cho-labhairt, thuirt an t-Oll DĂ ibhidh Worthington, ceannard ionad eachdraidh Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean: âGed a chuir sinn Ă ireamh de cho-labhairtean air leth soirbheachail air dòigh tron ionad is tron oilthigh ron seo, cha robh cruinneachadh acadaimigeach cho mòr ri seo ann an Dòrnach gu ruige seo. Tha sinn fĂŹor thoilichte mu dheidhinn sin agus mu inbhe an luchd-labhairt againn, an fheadhainn ionadail is an fheadhainn a bhios aâ tighinn Ă s gach ceĂ rn, gus òraidean a thoirt seachad agus aâ cho-labhairt fhrithealadh.â
Bidh an t-Ărd-Ollamh Isaac Land, eòlaiche ann an Eachdraidh Oirthireil aig Oilthigh StĂ it Indiana, am measg an luchd-labhairt aig an tachartas. MhĂŹnich esan: âTha mi aâ tighinn Ă s na StĂ itean Aonaichte gus aâ cho-labhairt Linntean is Fiòrdan fhrithealadh leis gur e seo aâ chiad cho-labhairt a chaidh a chur air dòigh mu raon eachdraidh nan oirthirean a tha aâ tighinn am follais. Bidh còrr is billean neach air feadh an t-saoghail aâ fuireach ann an sgĂŹrean ĂŹosal a tha gu sònraichte fosgailte gu atharrachadh gnĂ th-shĂŹde agus bidh mòran eile aâ fuireach ann an sgĂŹrean far a bheil sluagh mòr nach eil fada air falbh bhon chuan. âS urrainn dha eachdraidh oirthireil ar cuideachadh ann a bhith aâ tuigsinn mar a rĂ inig sinn an ĂŹre seo agus faodaidh gum faigh sinn seallaidhean air na h-ath cheumannan.â
Gabhaidh Linntean is Fiòrdan: Co-labhairt Eachdraidh Oirthireil à ite ann an Dòrnach eadar Diardaoin 31 Mà rt agus Disathairne 2 Giblean. Gus à ite a ghleidheadh no barrachd fiosrachaidh fhaighinn, tadhail air www.history.uhi.ac.uk. Feumar à iteachan a ghleidheadh ro Diluain 15 Gearran.
Fhuair aâ cho-labhairt taic bho Visit Scotland, Comhairle na GĂ idhealtachd, Corporaid Charnegie New York; Tuath-gaoithe Far-cladaich Beatrice Earranta, Maoin Choimhearsnachd Tuath-gaoithe Beinn Tharsuinn/Comhairle Coimhearsnachd Dhòrnaich agus Comann Cataibh DhĂšn Ăidinn.