Fàilte
Lèirmheas Bliadhnail 2020
Fàilte do lèirmheas bliadhnail 2020
Chan eil teagamh nach eil an Corona-bhĂŹoras (COVID-19) agus a bhuaidh air a bhith gu mòr an uachdar ann an 2020, ach tha mòran euchdan agus coileanasan air leth ri an comharrachadh air feadh chom-pĂ irteachas an oilthigh againn, aâ toirt a-steach ar freagairt air aâ ghalar lèir-sgaoilte.
Tha lèirmheas na bliadhna-sa aâ nochdadh dĂŹreach cuid de na choilean sinn agus na leasachaidhean a rinn sinn ann am bliadhna a bha air leth dĂšbhlanach don h-uile duine.
Bâ e bliadhna eile a bhâ ann ri a cumail air chuimhne, le mòran oileanaich is luchd-obrach aâ faighinn aithne agus duaisean. Tha institiudan is ionadan rannsachaidh fhathast aâ cur gu mòr ri rannsachadh aig an ĂŹre chruinneil, agus tha sgiobaidhean iomlaid eòlais aâ putadh nan crĂŹochan eadar eòlas acadaimigeach agus Ăšr-ghnĂ thachadh feumail.
Tha sinn an-còmhnaidh ag amas air Ă rainneachd ionnsachaidh, rannsachaidh agus obrach shĂ bhailte a thoirt don h-uile oileanach agus neach-obrach againn, agus aig an aon Ă m a bhith aâ dĂŹon ar coimhearsnachdan ionadail, agus air 17 MĂ rt, chuir sinn stad air lĂŹbhrigeadh teagasg aghaidh-ri-aghaidh mar a bhuail an galar lèir-sgaoilte. Bhon uairsin tha sinn air oibreachadh le luchd-teagaisg agus luchd-taice gus cuideachadh le bhith ag ath-thòiseachadh gu ĂŹre air teagasg air an Ă rainn far a bheil sin riatanach agus mar phĂ irt de mhodhan ionnsachaidh measgaichte, ged a tha cuid de phrògraman, taing don t-sĂ r-eòlas a thâ againn ann a bhith aâ dealbhadh agus aâ lĂŹbhrigeadh curraicealam air-loidhne, fhathast gan lĂŹbhrigeadh gu tur air falbh bhon Ă rainn.
Tha mi air leth moiteil Ă s an luchd-obrach agus na h-oileanaich a tha uile air neart, innleachdas agus sĂšbailteachd iongantach a nochdadh gus fĂ s suas gu tapaidh ris na dòighean Ăšra anns am feum sinn a bhith ag obair agus ag ionnsachadh aig an Ă m seo, agus cuideachd cho mòr is a tha sinn air leantainneachd a chumail suas ann an cothroman ionnsachaidh air feadh na sgĂŹre againn san fharsaingeachd, agus gu dearbh bâ e seo ar prĂŹomh amas. Tha sinn eadhon air grunn phrògraman Ăšra a chur air bhog, aâ toirt a-steach ceuman ann an Optomatrachd agus ann an Dealbhadh Bathar-bog GnĂŹomhaichte, rè na h-Ăšine seo.
Tha sinn cuideachd air a bhith aâ dèanamh nas urrainn dhuinn gus buaidh nas fharsainge aâ ghalair lèir-sgaoilte air beatha dhaoine a riaghladh, aâ cuideachadh ar coimhearsnachdan ionadail agus aâ stèidheachadh tuillidh mhaoinean cruadail do dhâoileanaich gus taic a thoirt do na h-oileanaich againn air an tug an galar lèir-sgaoilte buaidh. Bha seo aâ toirt a-steach dèiligeadh ri cĂšisean bochdainn dhidseatach a bha aâ bualadh air cuid de na h-oileanaich againn a dhâfheumas ionnsachadh air-loidhne, agus leis an eòlas mhòr a chuir sinn air a bhith aâ lĂŹbhrigeadh ionnsachadh measgaichte chaidh againn air na teirmean foghair againn ann am foghlam Ă rd-ĂŹre agus adhartach a thòiseachadh mar a bha dĂšil. Bu mhath leam gu sònraichte a bhith aâ moladh nan oileanach altraim agus banais-ghlĂšine againn a thòisich an greisean-gnĂŹomhachais trĂ th gus SNS agus dachaighean cĂšraim a chuideachadh gus dèiligeadh ris an fhreagairt thòiseachail air COVID-19.
Gu mĂŹ-fhortanach, mar a h-uile buidheann, bha againn ri dĂ il a chur ann an iomairtean agus tachartasan a bha san amharc no smaointeachadh a-rithist dè mar a rachadh an lĂŹbhrigeadh. Tha seo aâ toirt a-steach sinn a bhith aâ gabhail pĂ irt ann an Seachdain Tartain Eabhraig Nuadh, iomlaidean eadar-nĂ iseanta agus cuid de ghreisean-obrach. Agus, ged a bha coltas eadar-dhealaichte air na cuirmean-ceumnachaidh againn am-bliadhna, an dèidh dhuinn an gluasad air-loidhne, bha e comasach dhuinn fhathast euchdan sònraichte na feadhna a chrĂŹochnaich an cuid ionnsachaidh a chomharrachadh le cuirmean air-loidhne anns an robh iomadh mòmaid a bhlĂ iteachadh cridhe duine.
Tha pĂ irt uile-chudromach aig aâ chompĂ irteachas againn ri a cluich ann a bhith aâ toirt taic do ath-bheothachadh na sgĂŹre Ă s deidh galar lèir-sgaoilte COVID-19. Tha am measadh buaidh eaconamach as Ăšire againn aâ nochdadh gu bheil sinn aâ cur ÂŁ560 millean ri eaconamaidh na GĂ idhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt gach bliadhna. Tha sinn aâ leantainn oirnn ag obair le fastaichean, coimhearsnachdan agus luchd-ionnsachaidh gus cuideachadh le bhith aâ freagairt air na feumalachdan caochlaideach aca agus nĂ dar nan cothroman cosnaidh is dhreuchdan.
Mu dheireadh, bu mhath leam taing a thoirt do na h-oileanaich, an luchd-obrach, na h-alumni agus na com-pĂ irtichean againn uile airson an taic tron bhliadhna agus tha mi aâ guidhe gach soirbheachas san Ă m ri teachd don phrionnsapal agus iar-sheansalair a tha ri tighinn an dreuchd, an t-Ărd-Ollamh Todd Walker. Tha mi cinnteach gun còrd e ris a bhith aâ stiĂšireadh aâ chompĂ irteachais iongantaich seo cho mòr is a chòrd e rium fhèin.
An t-Ărd-Ollamh Crichton Lang,
Prionnsapal agus iar-sheansalair (eadar-amail) Oilthigh na GĂ idhealtachd agus nan Eilean