ÐÓ°ÉÔ´´ a’ toirt ceum dotaireachd urramach do Malcolm Burr OBE airson seirbheis phoblach
Bheir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (ÐÓ°ÉÔ´´) ceum dotaireachd urramach do Malcolm Burr OBE, mar aithne air an tabhartas a rinn e don oilthigh agus a dhealas fad-ùine a thaobh seirbheis phoblach agus coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Gheibh Malcolm an duais aig cuirm cheumnachaidh ÐÓ°ÉÔ´´ do dh’oileanaich a tha clàraichte gu dìreach, aig Eden Court ann an Inbhir Nis, air Dihaoine 13 Samhain.
Bha Calum, a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, na Àrd-Oifigear aig Comhairle nan Eilean Siar, ùghdarras ionadail nan Eilean Siar, bho 2005 gus an do leig e dheth a dhreuchd sa Mhàrt 2026. Roimhe sin, bha e na Àrd-Oifigear Taice aig Comhairle Eileanan Arcaibh agus ann an seirbheisean laghail aig Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Roinneil Shrath Chluaidh.
Rè nan 10 bliadhna aige air Cùirt ÐÓ°ÉÔ´´, buidheann riaghlaidh an oilthighe, bha Malcolm a’ riochdachadh a com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail agus chuidich e le bhith a’ stiùireadh a slighe ro-innleachdail. Thug e leis eòlas ann an riaghladh agus leasachadh roinneil, còmhla ri tuigse dhomhainn do na cothroman agus na dùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.
Tha Malcolm air a bhith na Neach-gairm air Bòrd Stiùiridh Thaghaidhean na h-Alba bho 2018, agus tha e a’ leantainn air adhart a’ toirt taic do ath-leasachadh seirbheis phoblach anns na h-Eileanan an Iar agus nas fhaide air falbh.
Bha e roimhe na Rùnaire agus na Chathraiche air SOLACE Alba, am buidheann proifeiseanta airson àrd-oifigearan agus àrd-mhanaidsearan ùghdarrasan ionadail.
Chaidh an t-urram OBE a bhuileachadh air airson seirbheis phoblach ann an Urraman Co-là-breith an Rìgh ann an 2026, às dèidh dha Duais Coileanaidh Fad Beatha fhaighinn aig Duaisean Seirbheis Poblach na h-Alba ann an 2025.
Thuirt Malcolm Burr
“Tha an t-urram seo a’ ciallachadh tòrr dhomh. B’ e toileachas mòr a bh’ ann dhomh a bhith ceangailte ris an oilthigh seo bhon a chaidh a stèidheachadh. Chaidh a stèidheachadh air beachd gu math sìmplidh: nach bu chòir an àite as a bheil thu a fuireach a bhith na chuingealachadh air na cothroman a gheibh thu.
“Tha ÐÓ°ÉÔ´´ air a bhith na thaic mhòr dha na coimhearsnachdan againn tro fhoghlam, cosnadh agus leasachadh sgilean; a’ toirt taic do ghnìomhachasan ionadail, a’ cumail dhaoine tàlantach san sgìre, agus a’ cur ri sunnd sòisealta is eaconamach nan coimhearsnachdan ris a bheil sinn a’ frithealadh. Abair lèirsinn a bh’ ann, agus a tha fhathast ann.”
Thuirt Vicki Nairn, Prìomh-Oifigear agus Iar-Sheansalair ÐÓ°ÉÔ´´:
“Tha an dotaireachd urramach seo ag aithneachadh an tabhartais aig Malcolm do ÐÓ°ÉÔ´´ agus dreuchd a tha coisrigte do sheirbheis phoblach.
“Tha Calum a’ tuigsinn nan coimhearsnachdan a tha ÐÓ°ÉÔ´´ a’ frithealadh agus an diofar a dh’fhaodas foghlam a dhèanamh don àm ri teachd aca. Rè na h-ùine aige sa Chùirt, chuidich a bhreithneachadh agus a chuid eòlais le leasachadh an oilthighe a stiùireadh agus ar ceanglaichean le com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail a neartachadh.
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ comharrachadh a choileanaidhean còmhla ri coileanaidhean ar ceumnaichean ann an Inbhir Nis.”
“Tha an ceum dotaireachd urramach seo ag aithneachadh an dà chuid na chuir e ri ÐÓ°ÉÔ´´ agus a dhreuchd a chaidh a choisrigeadh do sheirbheis phoblach. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris na choilean e a chomharrachadh, còmhla ri coileanaidhean ar luchd-ceumnachaidh ann an Inbhir Nis.”
Tha ceuman dotaireachd urramach am measg nan urraman as àirde a bheir oilthigh seachad. Tha iad a’ toirt aithne do dhaoine a tha air cur gu mòr ris an oilthigh agus ris an sgìre mun cuairt air, tro sheirbheis phearsanta no tro choileanaidhean sònraichte.