Sabhal Mòr Ostaig a’ togail duais: sàr obair anns a’ choimhearsnachd

Thog Sabhal Mòr Ostaig an duais airson Sàr Obair anns a’ Choimhearsnachd a-raoir aig Duaisean Foghlaim an Herald 2026 airson na rinn iad mar phrìomh chom-pàirtiche air a’ phròiseact, Baile na Cille Bige.

see full size image
An Dr Donnie Rothach, Stiùiriche Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig aig Duaisean Foghlaim an Herald

Chaidh taigheadas ùr Bhaile na Cille Bige, a’ chiad bhaile ùr air a phlanadh san Eilean Sgitheanach o chionn còrr is 100 bliadhna, a thogail air fearann ri taobh Sabhal Mòr Ostaig. Tha faisg air 20 dachaigh is làrach taighe air prìs reusanta a-nis sa Chill Bhig, agus tha grunn luchd-labhairt na Gàidhlig a' fuireach ann.

Bha britheamhan nan duaisean a’ coimhead airson fianais air dealas do raointean leithid cosnadh ionadail, sgeamaichean saor-thoileach coimhearsnachd, obair charthannais, iomairtean àrainneachdail agus cleachdadh thoraidhean ionadail.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig, An Dr Donnie Rothach:

“Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, air leth toilichte an duais iomraiteach seo fhaighinn airson Sàr Obair anns a' Choimhearsnachd.

“Bho chaidh a stèidheachadh, tha tuigse air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air cho fìor chudromach ’s a tha ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig do mhath eaconamach is sòisealta ar coimhearsnachdan agus le Baile na Cille Bige, chithear tuilleadh fianaise air na dòighean-obrach iomlanach a bhios sinn a’ cleachdadh gus buannachdan brìghmhor agus maireannach fhaighinn dhan choimhearsnachd.

“Tha taigheadas aig prìs reusanta glè chudromach dhan iomairt gus coimhearsnachdan seasmhach a chruthachadh le daoine a tha a’ cur ris an eaconamaidh, agus far a bheil Gàidhlig aig cridhe beatha nan coimhearsnachdan sin, agus tha sinne aig Sabhal Mòr Ostaig moiteil às an obair a tha sinn air a dhèanamh gus taic a chumail ris an iomairt sin.”

Chaidh A’ Chill Bheag a stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, a’ phrìomh bhuidheann chom-pàirteach, Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus an companaidh togail Sgitheanach Companaidh Togail Sheumais MhicCuinn Earranta.