Gairm chom-pàirtichean: Suirbhidh air mion-chànanan na h-Alba

Tha luchd-rannsachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (ÐÓ°ÉÔ­´´) aig Institiud Rannsachaidh Cànain, a tha ag obair air a’ phròiseact FOSTERLANG, a’ toirt cuireadh dhut pàirt a ghabhail ann an suirbhidh chudromach air mar a thèid mion-chànanan a chleachdadh ann an Alba.

see full size image
Sanas aig Crìochan Shasainn, le Fàilte gu Alba sgrìobhte air anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla. Dealbh Seòras Clerk agus Getty.

Tha am pròiseact ag amas air na prìomh dhùbhlain a tha mu choinneimh luchd-labhairt mhion-chànanan an-diugh a chomharrachadh, ge b’e dè inbhe oifigeil a tha aig cànan, agus airson dìon, cleachdadh agus àrdachadh nan cànanan sin a thaiceadh.

Ma tha Gàidhlig na h-Alba, Albais agus/no Shaetlan agad, cuiridh sinn fàilte air na beachdan is an t-eòlas agad, a bhitheas gar cuideachadh iomadachd chànanan a thuigsinn is a dhìon. Faodaidh tu pàirt a ghabhail gu saor-thoileach agus gu dìomhair. Faodaidh tu tarraing a-mach às aig àm sam bith gun pheanas, agus chan fheum thu a h-uile ceist a fhreagairt idir ma thogras tu.

Gheibhear suirbhidh na h-Alba an-seo: 

Thèid suirbhidhean eile fhosgladh a dh’aithghearr a bhitheas a’ sgrùdadh mhion-chànanan ann an Èireann, sa Phòlainn, ann an Slobhinia agus ann an Dùthaich nam Basgach. 

Aig a’ cheann thall, bithear an dùil gun cuir toraidhean an rannsachaidh ri mapa cànanach le comasan sòisealta a chruthachadh, rud a thaiceas iomadachd chànanan air feadh na h-Eòrpa.

Chaidh an t-suirbhidh a chruthachadh mar phàirt den phròiseact FOSTERLANG (Fostering Linguistic Capital: A Roadmap for Reversing the Diversity Crisis and Activating Societal Benefits in Europe) a tha maoinichte leis an Aonadh Eòrpach.