Fiona a’ togail duais de £1,500 ann an dùbhlan dealbhaidh tartan oileanaich

Tha Fiona Helen Lane, a tha na h-oileanach ann an Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (ÐÓ°ÉÔ­´´), air an duais as àirde de £1,500 a thogail ann am farpais airson tartan ùr-nodha a dhealbhadh.

see full size image
Tha Fiona Helen Lane, a tha na h-oileanach ann an Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (ÐÓ°ÉÔ­´´), air an duais as àirde de £1,500 a thogail ann am farpais airson tartan ùr-nodha a dhealbhadh.

Chuir Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) an fharpais air adhart còmhla ri ÐÓ°ÉÔ­´´ gus 60 bliadhna a chomharrachadh on a chaidh am buidheann leasachaidh roinneil (Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean) a stèidheachadh san t-Samhain 1965.

Chuireadh dùbhlan air oileanaich bho air feadh com-pàirteachas ÐÓ°ÉÔ­´´ gu tartan a dhealbhadh a bha a’ nochdadh an tabhartais a chuir HIE ri leasachadh roinneil còmhla ri dearbh-aithne muinntir, àite, dualchas agus cultar na roinne.

Tha Fiona a’ sgrùdadh Gàidhlig air astar le Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, a’ co-chothromachadh sin le oideachadh-dachaigh a nighinn a tha sia bliadhna a dh’aois, agus obair pàirt-ùine. Tha i a’ planadh air Pàirt dhen a duais a chosg air beart ath-làimhe a cheannach, gus an urrainn dhi a h-ùidh ann an dealbhadh agus fighe thartain a leantainn.  

Bha innteart Fiona a bhuannaich mar aon de thrì a chuireadh air geàrr-liosta le pannal de bhritheamhan, air an stiùireadh le iar-chathraiche HIE, Freda Newton. Chaidh iad sin an uair sin a chur gu bhòt am measg cho-obraichean HIE uile. Anns na h-àiteachan leantainneach bha Nadia Vidinova, oileanach cleachdaidh ealain cho-aimsireil aig ÐÓ°ÉÔ­´´ Peairt, agus co-innteart bho Rona NicGilleBhrath agus Chase Nicole Nelson a tha nan oileanaich ealain mhìn aig Sgoil Ealain Mhoireibh, stèidhichte aig ÐÓ°ÉÔ­´´ Moireabh ann an Eilginn. 

An dèidh dhi an dùbhlan a bhuannachadh, thuirt Fiona Helen Lane:

“Tha sinn airson taing a thoirt do gach neach a chuir seachad an ùine ag obair air an tartain aca. 
Fhuair sinn tòrr inntrigeidhean sgoinneil, agus bha e na dhùbhlan mòr liosta ghoirid a thaghadh. Meal mi naidheachd air Fiona air a soirbheachas. Bha sinn glè mhòr fo bhuaidh air mar a chleachd i dathan nam beanntan, nam mòinteach agus nan cladach, còmhla ri dathan corporra HIE, gus tartan beòthail a chruthachadh a tha a’ samhlachadh iomadh feart den sgìre."

Thuirt Freda Newton, iar-chathraiche HIE:

“Tha sinn airson taing a thoirt do gach neach a ghabh ùine ag obair air na tartain aca. Fhuair sinn àireamh mhòr de dh’innteartan a bha fìor mhath agus bha e doirbh a’ dèanamh taghadh airson na geàrr-liosta. Tha mi a’ cur mealadh naidheachd air Fiona air a bhith cho soirbheachail. Bha sinn air ar beò-ghlacadh le mar a tharraing i air na dathan bho na beanntan, monaidhean agus oirthirean còmhla ri tuaran coporra HIE, gus tartan dathail a tha a’ samhlachadh mòran de fheartan na roinne.”

Chuir Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-sheansalair ÐÓ°ÉÔ­´´, ris:

“Tha cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh aig cridhe ÐÓ°ÉÔ­´´, agus tha an dùbhlan seo air a bhith na chothrom iongantach dha ar n‑oileanaich an dà chuid a thaisbeanadh. Tha com-pàirteachas ÐÓ°ÉÔ­´´ a’ toirt a-steach roinnean beairteach ann an dualchas agus cultar, agus tha e air a bhith brosnachail fhaicinn mar a tha oileanaich air an dearbh-aithne sin a chur an cèill tro na dealbhaidhean aca."

Tha HIE air an dealbhadh a bhuannaich a chlàradh le Clàr Thartain na h-Alba mar an tartan oifigeil aig a’ bhuidheann, agus a’ planadh air a chleachdadh ann an stuthan adhartachaidh brannd is bathar-reic.